Rugadh agus thogadh MĂ iri Sandeman ann an DĂšn Ăideann. B' ann Ă Devon a bha a mĂ thair, MĂ iri Trump, agus thĂ inig cuideachd a h-athar, Pat Sandeman, Ă s an Danmhairg anns a' chòigeamh linn deug. Rinn iad an dachaigh ann an Siorrachd Pheairt. Ghluais cuid dhan teaghlach a DhĂšn Ăideann agus chuir iad air chois companaidh uisge-beatha, Sandemans, ann an 1780.
Nuair a dh'fhĂ g i an sgoil chaidh MĂ iri dhan Colaiste ann an DĂšn Ăideann agus, an dèidh crĂŹochnachadh an sin, bha i ag obair ann an Roinn Telebhisean Oilthigh Herriot-Watt.
Mun Ă m seo bha seinn a' fĂ s cudromach na beatha agus bha i a' faighinn cuideachadh agus stiĂšireadh air leth bho Sheonag NicChoinnich.
Bha a h-athair dèidheil air gach nÏ Gà idhealach - ceòl, cà nan agus daoine - agus bha e ga brosnachadh gu mòr. Ghabh i pà irt ann am Mòd Ionadail Obar Pheallaidh nuair nach robh i ach mu ochd bliadhna a dh'aois.
Chuir Mà iri seachad dà shamhradh ann an Uibhist a Deas ann an 1964/65, còmhla ri Eardsaidh Raghnaill agus a bhean, Ceit, a bha na seinneadair ainmeil, airson a cuid Gà idhlig a thoirt air adhart. Chòrd iadsan agus an t-à ite sònraichte math rithe agus chan eil teagamh nach d' fhuair i buannachd mhòr à s.
Aig a' Mhòd NĂ iseanta, ann an 1965, choisinn i an t-Aigeallan Airgid (airson luchd-ionnsachaidh) agus a' bhliadhna an dèidh sin fhuair i am Bonn Ăr (airson fileantaich) aig Mòd Inbhir Nis, rud nach robh air tachairt ach aon uair roimhe. Bha i na ball de Sheinneadairean DhĂšn Ăideann greis mus do choisinn i am Bonn Ăr.
An dèidh pòsadh, fad dà bhliadhna gu 1971, bha Mà iri a' fuireach anns Na Hearadh far an robh an duine aice na dhotair. An dèidh sin bha iad greis an Glaschu mus deach iad gu St Catherine's, deas air Toronto ann an Canada, airson dà bhliadhna. Fhad 's a bha i ann an Canada, bha Mà iri a' seinn air corra phrògram a bha Alasdair MacGillÏosa a' dèanamh air telebhisean ann an Ceap Breatainn.
An dèidh tilleadh à Canada bha Mà iri dha-rÏribh trang. Rinn i mòran airson prògraman chloinne air rèidio agus bha sreath telebhisean Beurla aice dhith fhèin, Handful of Songs. Bha seo gu h-à raidh taitneach dhith oir bha i a' seinn le taic orcastra. Rinn i sreath phrògraman telebhisean ann an Gà idhlig, Mà iri, agus, a' cleachdadh an ainm Aneka, chlà r i an t-òran 'Japanese Boy, a rà inig a' chiad à ite anns na clà ir airson ceòl pop.
Choisinn MĂ iri a' chiad duais do dh'Alba aig Fèis Pan-Ceilteach Chill Ăirne ann an 1976, agus nochd i air prògraman telebhisean na Bliadhn' Ăir ann an 1981 agus 1985.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.