Mal na Mara

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: Art MacCarmaig agus Mairead agus Donaidh MacLeòid.

This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: Art MacCarmaig and Mairead agus Donaidh MacLeòid.

Facail an Ă’rain / Song Lyrics

A ghaoth ged a chual' thu
Bhean treabhaiche na buaile,
Do chaidil thu gu suaimhneach
'S air d' chluasaig do chèile.

Sèist: Bean treabhaiche na buaile
Chan eil na maoir cho cruaidh ort
Ni mò tha 'm màl, mo thruaighe.
Cho cruaidh 's a tha e oirnne.

O 's daor, 's daor 's daor e
MĂ l na mara 's daor e,
Am muir oirnn 's daor e.
Tha daonnan ga Ă iteach.

Tric is nan suain iad,
A' mhĂ thair 's a' ghruagach,
Aig an doras bualadh
'S an cuan air a' mhaor chur.

An t-òr buidhe buailte,
DhiĂąltadh maoir a' chuain e,
Mar mhĂ l cha ghabhadh uainne
Ach fuil luachmhor ar n-òigear.

Mac bheir bhon mhĂ thair,
On phiuthair bheir brĂ thair,
An athair bho phĂ istean,
'S fear-gràidh on an òighe.

A' ghaoth nuair ni èirigh
Mo shĂąil ri bun speur bidh,
Sealltainn gu geur ach
Eil m' eudail air fĂ ire.

Ged 's dìonach an iùbhrach
Crann seòl, is buill ùr' oirr'.
Chan fhaod am fear-stiĂąiridh
Bhith dĂąlanach dĂ na.

An Carbh air an iĂąbhrach
'S muir garbh gorm ri gualainn
Dh'irislicheadh uaibhrich
An nuallan th' aig bòc-thonn.

A' ghaoth ged a chual' thu.
Bhean treabhaiche na buaile.
Do chaidil thu gu suaimhneach
'S air d' chluasaig do chèile.

Seinneadairean / Performers

Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now