
Rugadh Murchadh MacPhà rlain air an latha a chaidh a' Bhanrigh Bhictoria a thiodhlacadh, 15 Gearran, 1901, ann am Mealabost, Leòdhas, am baile as na chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha. B' e mac Chaluim Dhòmhnaill Chaluim Dhòmhnaill a shloinneadh agus b' ann à SgÏre nan Loch a thà inig a' chuideachd.
SgrĂŹobh Alasdair Iain MacAsgaill mun fhoghlam a fhuair e anns an ro-rĂ dh dhen chiad leabhar de dhĂ in Mhurchaidh, An Toinneamh DĂŹomhair:
"Cha b' ann an Sgoil Chnoc na h-Aoighe far an deach a thogail a fhuair am bĂ rd fhileantachd sa GhĂ idhlig, oir na latha-san cha robh Ă ite ro-uasal aice ann an teagaisg sgoiltean nan eilean. Bha a' Bheurla, tomhais de Laideann, agus beagan de Fhraingis air an tairgsinn dha, agus rinn e an smĂ laigeadh a b' fheĂ rr a b' urrainn dha orra.
Cha robh e a' tighinn ris idir nach robh an tuilleadh eòlais aige air a' chainnt mhà tharail a b' fheà rr a thigeadh air, oir bha miann aige a bhith na bu choileanta innte. Chuir e roimhe gum biodh e comasach air a leughadh agus a sgrÏobhadh mar a b' fheà rr a b' urrainn e, agus tha e an-diugh gu math toilichte gur h-urrainn dha sin a dhèanamh ann an tomhais."
Cha robh Murchadh ach ochd-deug nuair a chaidh an Iolaire air Biastan Thuilm air oidhche na Bliadhn' Ăire, 1919, agus dh'fhĂ g na chunnaic e lĂ rach mhaireannach air:
Cò aig a bheil reusan
Is lèirsinn ann na shÚil
Nach cuireadh seo fo dheuraibh
'S nach biodh a chridhe ciurrt'?
Na fir an truis an Nèibhi
Nan slèitrich feadh na tiÚrr;
O, nach bu chruaidh ar n-èirigh
Air madainn na Bliadhn' Ăir'.
Bha Murchadh greis ag obair air cuid de na sgeamaichean a chuir am Morair Leverhulme air chois ann a' Leòdhas ach nach do shoirbhich. Mar iomadh eileanach eile, ann an 1924, dh'fhalbh e a Chanada air a' Mharloch. Thug e Úine ag obair aig an Canadian Pacific Railway agus thug e grunn bhliadhnaichean ann am Manitoba, far an do sgrÏobh e an t-òran 'S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh, mar a dh'innis e air BBC Radio nan Gà idheal:
"An toiseach nuair a bha mi nam bhalach òg thà inig fear dhachaigh à Canada air an robh Roddy Aonghais Ruaraidh. Cha bheò e an-diugh. Agus chaidh mi a-steach a thaigh piuthar seanar dhomh aon latha agus bha e na shÏneadh air a' bheing agus srian an eich fo cheann agus b' e am fonn a bh' aige:
Fà ili, fà ili, fà ili hò ro,
Cà ite, cà ite, cà ite an tèid mi,
Nuair a thuiteas sĂŹos na sgĂ ilean
Far am b' à bhaist dhòmhs' bhith cèilidh.
B' e siud a bha e a' seinn 's cha robh duine a-staigh ach an dithis againn. Dh'fhalbh mise a Chanada cuideachd agus a' chiad fhoghar a bha mi a-muigh, bha sinn aig a' bhuain, aig an t-fhoghar agus air oidhche bhrèagha ghealaich, thà inig an cianalas orm mar tonn bhà tht' agus chuimhnich mi air an fhear a bha na shÏneadh air a' bheing anns an t-seann taigh-tughaidh agus e a' seinn leis fhèin "cà ite, cà ite, cà ite an tèid mi, nuair a thuiteas sÏos na sgà ilean far am b' à bhaist dhòmhs' bhith cèilidh".
Agus b' e seo a ghluais mise an oidhche sin gu bhith a' dèanamh Fà ili, fà ili, fà ili hò ro agus chuingealaich mise an duan a tha seo ris an taigh chèilidh."
B' e bliadhnaichean doirbh a bh' ann agus thill Murchadh air ais a Leòdhas ann an 1932, "cha mhòr cho bochd 's a dh'fhalbh mi, ach beagan na bu ghlice."
Rinn e a sheirbheis nà iseanta aig à m an Dà rna Cogaidh, ach a bharrachd air sin chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann am Mealabost ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.
Fhuair mòran dhaoine eòlas air òrain Mhurchaidh gu h-Ă raidh nuair a thoisich Na h-Ăganaich air an seinn. 'S e fear de dh'òrain Mhurchaidh Mi le M' Uilinn a ghabh iad nuair a choisinn iad aig an Fhèis Phan-Cheilteach ann an Ăirinn ann an 1972. Agus rud a bha neo-Ă bhaisteach, bha Murchadh a' cruthachadh fuinn Ăšra airson nan òran aige fhèin.
Rinn e òrain air iomadh cuspair, nam measg cleachdaidhean a bha dol Ă bith ann an òrain leithid 'Tobar Tobar SĂŹolaidh', Ăran Cladaich agus 'Duanag Bleoghainn'.
Thug e tarraing air ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe agus air dòigh-beatha na latha fhèin ann an òrain leithid 'Am Botal 's am Misgeir' agus 'Linn Greas Ort'. Rinn e òrain gaoil leithid Mhòrag Leat ShiÚbhlainn agus duain mu thachartasan anns an à ite agus daoine a b' aithne dha.
Bha a' Ghà idhlig fhèin anabarrach cudromach dha mar a dh'innis e anns an t-òran Cà nan nan Gà idheal:
O chĂ nain tha leth ri mo chridhe
M' aran, m' annlan, m' anail 's mo smior.
Bha e gu tur an aghaidh cogadh agus cha robh dad a leisg air sin a leigeil ris:
'S e do ghnè, a' chogaidh, bhith sgrios
'S b' e seo do ghnè bho thÚs
Is mallaichte an sluagh a bhios
Ri tabhairt dhut tlachd is gnĂšis.
Dòrainn, creachadh is bròn
An còmhnaidh tà ann ad lorg,
'S chan fhiach leat deoch gu h-òl
Ach fuil nan òigfhearaibh calm.
Chuir e fhaireachdainnean domhainn mu chogadh an cèill ann an òrain leithid 'Leag iad am Bom a Raoir' agus Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug.
Ach tha dhibhearsain cuideachd ri lorg ann an dĂ in leithid 'Bruadar Cogaidh na Caillich' agus 'Aithris (Chicago 1924)'.
Bha seo aige fhèin ri rà dh mu spiorad na bà rdachd agus a chuimhne:
"Nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is a' phĂ ipear, cha bhi e idir air a ghearradh air clĂ r mo chuimhne mar a bhios e nuair nach bi pĂ ipear no peann idir agam. Tha mi an uair sin an urra ri mo chuimhne gu tur agus 's e seo a' nĂŹ a tha mi air faighinn a-mach, nuair a shuidheas mi sĂŹos le peann is pĂ ipear tha mi mar gum biodh a' leigeil mo chuideam air a' pheann is air a' phĂ ipear.
Ach nuair a bhios mi leam fhèin, is dòcha a' cur na mòine chun a' rathaid no a' gearradh a' choirce, agus nuair a bhios spiorad na bà rdachd a' tighinn orm agus a bhios mi an uair sin an urra gu h-iomlan ri mo chuimhne, tha mi a-nise an dèidh tuigsinn nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, tha a' chuimhne mar gum biodh i a' gearradh a h-uile cà il air a clà r fhèin dhomh. Agus eadhon ged a chaillinn e aig an à m a tha là thair, thig e aig ceann sreath a-rithist.
Nise, 's e seo mar a tha mise a' faotainn spiorad na bĂ rdachd a thaobh cuimhne is 's ann dha mo bhioradh a bhios an spiorad a tha an seo. Bidh i ag rĂ dh "Siuthad, siuthad!""
Nuair a chaochail Murchadh MacPhà rlain air 7 Samhain, 1982, sgrÏobh am bà rd Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Uibhist a Deas marbhrann dha:
Thosd ribheid na smeòraich
Chaidh a ceòl a mhÚchadh
Chaidh ar cà nan an còmhdach
Ăideadh-bròin na tĂšrsa
'S sĂ r fhear-dealbhaidh a fuinn-se,
'N Cladh na h-Aoigh chuireadh Ăšir air.
Chuireadh Ăšir ort, a Mhurchaidh,
Ach bidh lorgan do thĂ lann
Domhain, domhain ri faicinn
Ann an eachdaraidh ar cĂ nain,
'S domhainn, domhnainn, da-rĂŹribh
Air ar n'inntinn-ne grĂ bhailt'.
An Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha bà rdachd agus òrain Mhurchaidh MhicPhà rlain rin lorg ann an dà leabhar An Toinneamh DÏomhair (Gazette Steòrnabhaigh, 1973) agus Dà in Mhurchaidh (An Comunn Gà idhealach, 1986).
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.