Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Ruairidh Mac Mhuirich (An ClĂ rsair Dall) agus air a sheinn le: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghĂ idhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain agus Ăisdean MacRath.
This is a song written by: Ruairidh Mac Mhuirich (An ClĂ rsair Dall) and sung by: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghĂ idhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain and Ăisdean MacRath.
Mias a mhulaid tha 'm thadhal
dh'fhĂ g treaghaid am chliabh co goirt,
on a rinneas air m' adhart
ad dheaghaidh an triall gun toirt;
tha mise ort an tòir,
is mi mios gu robh còir agam ort,
a mhic athar mo ghrĂ idh,
is tu m' aighear, 's tu m' Ă gh, 's tu m' olc.
Chaidh a' chuibhle mun cuairt,
ghrad thionndaidh gu fuachd am blĂ ths:
gum faca mi uair
DĂšn rĂ tha nan cuach 'seo thrĂ igh,
far 'm biodh tathaich nan duan,
iomadh mathas gun chruas, gun chĂ s:
dh'fhalbh an latha sin uainn,
's tha na taighean gu fuaraidh fĂ s.
Tha Mac-alla fo ghruaim
anns an talla 'm biodh fuaim a' cheòil
'n ionad tathaich nan cliar,
gun aighear, gun mhiadh, gun phòit,
gun mhire, gun mhĂširn,
gun iomartas dlÚth nan còrn,
gun chuirm, gun phailteas ri dĂ imh,
gun mhacnas, gun mhà nran beòil.
Chaidh Mac-all' Ă s an DĂšn
an Ă m sgarachdainn duinn ri 'r triath,
's ann a thachair e rium
air seacharan bheann is shliabh;
labhair esan air thĂšs:
"Rèir mo bheachd-sa gur tu mas fÏor,
an seo chunnaigheas air mhĂširn,
Roimh 'n uiridh, an DĂšn nan cliar."
"A Mhic-talla nan tĂšr,
's e mo bharail gur tu 'n sea bha
ann an talla nam fiann,
ri aithris air gnĂŹomh mo lĂ mh."
"Ta mi 'm barail gur mi,
's gum bu deacair dhomh bhith 'm thĂ mh,
'g èisteachd brosluim gach ceòil
ann am fochar MhicLeòid an à igh."
"Is mi Mac-alla bha uair
'g èisteachd faram nan duan gu tiugh,
far am bu mhĂširneach am beus
an à m dÚbhradh don ghrèin san t-sruth;
far am b' fhoirmeil na seòid,
iad gu h-òrganach, ceòlmhor cluth:
ge nach fhaicte mo ghnĂšis
chluinnte aca san DĂšn mo ghuth.
An à m èirigh gu moch
ann an teaghlach gun sproc, gun ghruaim,
chluinnte gleadhraich nan dos,
's an cèil' air a cois on t-suain:
an trĂ th ghabhadh i lĂ n,
is i chuireadh os Ă ird na fhuair
le meòir chionalta ghnÏomhach,
dhrithleannach dhĂŹonach luath.
Bhiodh an rianadair fèin
cur a dh'fhiachaibh gur h-e bhiodh ann,
's e 'g èirigh nam measg
's an èighe gu tric na cheann;
cha bu truagh leinn an glaodh
nuair a thuairgneadh e i gu teann,
cur a thagradh an cruas
le h-aideachadh luath is mall.
An trĂ th chĂširte na tĂ mh i
le furtachd na fà rdaich fèin,
dhomh-sa b' fhurast' a rĂ dh
gum bu chuireideach gĂ ire nan teud,
le h-iomairt dhĂ -lĂ mh
cur am binnis do chà ch an cèill:
RĂŹgh, bu shiĂšbhlach rim chluais
an lĂšthadh le luasgan mheur.
"Anns an fheasgar na dhèidh
an à m teasdadh don ghrèin trà th-nòn,
fir a' cnapraich mun chlĂ r
is cath air a ghnĂ th chur leoth';
dĂ chomhairleach gheĂ rr
gun labhairt, ge b' à rd an glòir,
's a RĂŹgh, bu tĂŹtheach an guin
do dhaoine gun fhuil, gun fheòil.
"Gheibhte fleasgaich gun ghrĂ in,
cuir ri macnas gun sgrĂ th, gun fhuath
is mnà i fhionna 'n fhuilt rèidh
cur an grinnis an cèill le stuaim;
an dèidh ceilearadh beòil
dannsa oileanach òrdail suas,
le fear-bogha nan còir
chumail modha ri pòr an cluas.
A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n do thĂ r mi m' iĂšl,
's ann a-nis dhuinn as lèir
gu bheil mise 's tu fèin air chÚl.
Rèir do chomais air sgeul,
on 's fear-comainn mi fèin is tu,
'n robh do mhuinntireas buan
ris an droing d' am bu dual an DĂšn?
"Bho linn nan linntean a bha mi
Mar aonduine tĂ mh sa chĂširt
's theireadh iomadh MacLeòid
nach b' uireasbhaidh eòlais duinn;
ach na fhasadh gun fheum
chan fhaca mi fèin bho thÚs
ri fad mo chuimhne-sa riamh
gun taighteir, gun triath an DĂšn.
Ach on rĂ inig thu aois
tha ri rà itinn gur baoth do ghlòir:
chan e fasadh a th' ann,
ged a tha e san à m gun lòd;
air taighteir 's beag fheum
is òg-thighearna fèin na lorg,
's e ri fhaotainn gun fheall
cur ri baoith ann an ceann luchd chleòc.
Ach tillidh mise gu d'chainnt,
On a b'fhiosrach mi anns gach sĂŹon:
Gur tric a chunnacas gill òg
Bhith gun uireasbhaidh stòir no nÏ;
's gum biodh a bheachd aige fhèin
'n uair a cheann'cheadh e feudail saor,
A dh'aindeoin caithinnich dha
nach b' eagal da lĂ mh nam maor.
Ach cha b' ionann a bha
do na fir sin 's a tha Mhac Leòid:
ann an sonas 's an sĂŹth,
gun uireasbhaidh nÏ no lòin;
ann an daor chĂširt nan Gall,
ged tha thoil fuireach ann ri bheò-
tighearn' Eilg is ChlĂ r SgĂŹth,
cha b'eagal da dÏobhail stòir.
Ach 's ionann sin 's mar a bha,
's soilleir chithear a bhlĂ th air bhuil:
bho nach lèir dhaibh an call,
miad an dèidh air cÚirt Ghall cha sguir,
gus an togar don Fhraing,
a dhol ann an geall na chuir;
siod an niosgaid a' fĂ s
air an iosgaid 's a crĂ dh na bun.
Thèid seachd trusail air dhà il
air each crudhach as gĂ irmhor srann;
diallaid là sdail fon tòin;
's mòr gum b'fheà irrd' e srian òir na cheann.
Fichead ginidh, 's beag fhiach,
gun tèid siud a chur sÏos an geall;
cha tèid peighinn dha 'm feum,
's bonn cha ghlèidhear dha 'n dèis a chall.
An uair a thig e bhon rèis
thèid e dh'iomairt ri bèist air glac,
's mur tig lĂ mh 'sam bi feum,
gun caill e an leum gu grad;
mas iad dĂŹsnean a mhiann,
bheir e thairis h-aon-diag mu seach,
's ged a chailleadh còig ciad,
fire faire, 's beag fhiach am mairt.
Còig ginidhean òir -
gun tèid siud ann an còrd d' an aid;
uiread eil' oirre fèin -
faire, faire, 's math feum gu spaid;
's a' ghrabhata nach saor -
gur punnd Sasannach i gun stad,
air a chunntadh air clĂ r
dh' an ionntas gun dĂ il am fad.
Thèid luach mairt no nas mò
'm paidhir stocainn den t-seòrsa 's feà rr,
is cha chunntar an còrr,
ducatÚn air dà bhròig bhuinn à rd;
clachan criostail 's math snuadh
ann am bucaill mun cuairt gun smĂ l;
siod na gartain a suas
air dĂ thastan 's an luach 'nam bĂ rr.
Thig e mach Ă s a' bhĂšth
leis an fhasan as Ăšr bhon Fhraing,
's an t-aodach gasda bha 'n dè
ma phearsa le spèis nach gann
thèid a shadadh an cÚil -
"Is dona 'm fasan, chan fhiĂš e plang.
Air mĂ l baile no dhĂ
glac am peana 's cuir lĂ mh ri bann."
Cha bhi 'm pèids' ann am meas
mur bi eudach am fasan chĂ ich;
ged chosd e ginidh an t-slat -
gheibhear siod air son mart sa mhĂ l;
uiread eile ri chois,
gun tèid siod ann an casag dhà ,
's briogais bheilibheid mhĂŹn
gu bhith gabhail mu ghaoith a mhĂ is.
Cha bhi 'm pèids' ann am prÏs
's e gun snà ithe dha dhÏth ach cleòc;
giort a' chlaidheimh cha b'fhiach,
's bu chÚis athais ceann iarainn dò:
crios dealbhach on bhĂšth,
bogh' chinn airgid is biÚgail òir-
's fheudar faighinn sin dĂ :
's thig air m' fhearann-sa mà l nas mò.
An uair a thilleas e rĂŹs
a dh' amharc a thÏre fèin,
'n dèis na mÏltean chur suas,
gun tig sgrÏob air an tuath mu sprèidh,
gus an togar na mairt
'n dèidh an ciÚradh 's an reic air fèill:
siud na fiachan ag at,
gus am fiarach ri mhac 'na dhèidh.
Thèid Uilleam Mà rtainn a-mach
glè strà iceil air each 's e triall-
is co Ă rd e na bheachd
ris an Ă rmann a chleachd bhith fial;
cha ghlacar leis crann,
cas-chaibe na lĂ imh cha b'fhiach,
's e cho spaideil ri diĂšc,
ged bha athair ri bĂšrach riamh.
Thoir teachdaireachd uam
le deatam gu Ruaidhri òg,
agus innis da fèin
cuid d'a chunnart giodh e Mac Leòid;
biodh e 'g amharc 'na dhèidh
air an Iain a dh'eug 's nach beò:
gum bu shaidhbhir a chliĂš,
is chan fhà gadh e 'n DÚn gun cheòl.
A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n robh grĂ dh nan cliar
an triath tighearnail theann
is an cridhe gun fheall na chliabh -
ghabh e tlachd dha thÏr fèin,
's cha do chleachd e DĂšn-Ăideann riamh;
dh'fhĂ g e 'm bannach gun bheĂ rn
's b'fheĂ rr gun aithriseadh cĂ ch a chiall.
Rugadh Ăisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhĂ thair Ă Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram GĂ idhlig a' ...
Fiosrachadh air Ăisdean MacRath / Learn more about Ăisdean MacRath
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triÚir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897â1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, Ă Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. CaimbeulCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.