Rugadh Ăisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhĂ thair Ă Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram GĂ idhlig a' BhBC, b' e an obair a bha aig athair a thug an teaghlach a Ghleann Dail, Ă ite a thug buaidh mhaireannach air a' ghille òg:
"Bha m' athair, 's e maor-sÏthe a bh' ann, no mar a chanas sinn poileasman, agus cha robh croit againn agus mar sin cha robh mart againn, 's mar sin cha robh bainne againn. 'S mar sin bhithinn-sa a' falbh còmhla ri mo bhrà thair, a bha trÏ bliadhna na bu shine na mise, a dh'iarraidh a' bhainne a h-uile oidhche, a shamhradh 's a gheamhradh.
Agus 's ann as an taigh a bha seo, far am biodh sinn a' faighinn a' bhainne, a bhiodh an cèilidh an Caileabost."
B' e seo taigh Iain Mhòir, agus b' ann bho Mhòr, bean Iain, a dh'ionnsaich Ăisdean mòran de na h-òrain a bha aige:
"Bha Iain aig muir fada, 's e carpenter a bh' ann, agus chaidh e gu muir nuair a bha e glè òg agus bha e an còmhnaidh, nuair a bhiodh balaich a' dèanamh bòst mu na nithean a chunnaic iad, chanadh Iain, "Ah bithibh sà mhach! Bha mise ann an Genòa mus robh mi còig bliadhna deug a dh'aois!"
Agus bhiodh Iain na shuidhe ann a' sonnag a rinn e fhèin, baraille a chaidh a ghearradh sÏos, agus bha e gu math cofhurtail. Bhiodh e na shuidhe ann a' sin agus, mar a chanas sinn, ceap seòladair air. Agus bha e ag èisteachd ris na bodaich eile ag innse eachdraidhean agus ag èisteachd ris na h-òrain a bhiodh a' dol.
Agus cha dhÏochuimhnich mi gu brà th na h-oidhcheannan a bha sin, agus na h-òrain agus na sgeulachdan."
Fad a bheatha chĂšm Ăisdean cuimhne air na h-òrain agus na sgeulachdan a chuala e an taigh Iain Mhòir:
'S e mar bu trice òrain a bhiodh duilich agus a bhiodh mu dheidhinn na mara, mu dheidhinn bà thaidhean. Bhathas a' creidsinn gu robh spiorad as a' mhuir ris an canadh iad A' Mhuilgheartach Bhuidhe agus 's e an fheadhainn a b' fheà rr leatha fhèin a bhà thadh i.
Nuair a bhiodh bà thadh ann, bha iad a' dèanamh a-mach gun cumadh a' mhuir an fheadhainn a bha feum aice fhèin air, agus gu robh i a' tilgeil bhuaipe an fheadhainn nach robh gu mòran feum dhith, gu robh i gan tilgeil air tÏr agus a-rithist nach fhaighte corp duine a chaidh a bhà thadh ma bha feum aig a' mhuir dha. A' Mhuilgheartach Bhuidhe a chanadh iad rithe."
Bha cuimhne aig Ăisdean air dithis bhĂ rd cho ainmeil 's a bha anns an Eilean Sgitheanach, Niall MacLeòid agus a bhrĂ thair Iain Dubh Dhòmhnaill nan Ăran:
"Bhiodh Niall a' tighinn chun an taigh againne. Bhiodh e a' creic tĂŹ airson firm ann an DĂšn Ăideann agus bha e a' tighinn a h-uile sia mĂŹosan agus bha sinn a' faighinn ceithir puinnd dheug tĂŹ. 'S dhèanadh sin an gnothach gun tigeadh e an ath turas.
Agus nuair a thigeadh e bha e a' dèanamh cèilidh mòr a-staigh againn. Bhiodh naidheachdan aige far tÏr mòr agus bhiodh naidheachdan aige mu ghnothaichean a bha a' dol san eilean nuair a bha e na bhalach òg e fhèin.
Tha cuimhn' agam, 's e thug dhomh a' chiad tasdan a fhuair mi riamh agus bha dÚil agam gun ceannaichinn an saoghal leis. Ged a bha gu leòr againn ri ithe is aodach is caiseairt cha robh an t-airgead pailt agus 's e rud annasach a bh' ann tasdan fhaicinn.
'S e duine còir a bh' ann. Bha e cho sochaireach agus bha a shÚilean cho fosgailte, 's bha iad cho liath. Agus bha feusag bheag bhiorach air agus falt is e cho geal, falt liath air. Agus bha aodann, bheireadh tu do mhionnan gur e dealbh, mar a chanas sinn as a' Bheurla, saint a bh' ann.
An aon turas a chunnaic mise riamh e, sin an turas mu dheireadh a dh'fhalbh e agus cha do thill e, an duine bochd. Bha e a-staigh againn agus e a' feitheamh ris a' steamer. Mar a bha a' Hebrides bhiodh i a' tighinn a-staigh dhan a' loch, an t-seann Hebrides, 's bhiodh bĂ ta a' dol a-mach na coinneamh.
Ghabh Iain i a' latha bha seo agus bha e a' feitheamh ris a' steamer a-staigh againn agus bha e a dèanamh cleasan dhuinn. Tha cuimhn' agam, thug e fà inne bho mo mhà thair a bha air a meur agus chuir e ann an tumbler e. Agus dhòrt e an uair sin uisge staigh agus dh'òl e an t-uisge 's a fà inne gu lèir. Cha robh sÏon air fhà gail ann. Agus mo mhà thair, cha robh fios aice dè chanadh i. Dh'òl Iain an t-uisge, 's chaidh a fà inne sÏos.
Co-dhiÚ nuair a chunnaic e gu robh iomnaidh oirre mun fhà inne, ars esan, "Cha leig sibh a leas eagal sam bith a bhith oirbh nach fhaigh sibh an fhà inne air ais. Feuchaibh sibhse pòca an aprain agaibh agus gheibh sibh an fhà inne an sin. 'S cha robh i ga chreidsinn, 's chuir i là mh am pòca an aprain a bh' oirre, 's bha an fhà inne ann an sin."
Nuair a bha Ăisdean a' fĂ s suas an Gleann Dail chuala e iomadh sgeulachd as an taigh-cèilidh mu Iain Dubh agus mar a dh'ionnsaich e na cleasan:
"An eachdraidh a chuala mise air a' chĂšis, bha e na bhosun aig a' Loch Line, agus bha e air bĂ ta ris an canadh iad Loch Arcaig, a' tighinn a-nall Ă s AstrĂ ilia 's chaidh iad air tĂŹr air, chaidh a' wreckadh air a' Bharrier Reef.
Air bòrd innte bha Proifeasair Anderson. 'S e conjurer agus illusionist a bh' ann agus bha nighean aige còmhla ris agus bha i cho math ris fhèin. Shà bhail Iain an nighean agus am Proifeasair agus fhuair iad air tÏr.
Chan fhacas agus cha chualas cà il riamh timcheall air, às dèidh sin, airson naoi bliadhna. Bha e air falbh naoi bliadhna 's nuair a thà inig e air ais bha e là n dhe na h-innleachdan a bha seo agus 's ann bhon a' Phroifeasair Anderson a bha seo a fhuair e e.
Bhiodh eagal air feadhainn a bhith a' seòladh còmhla ris, nach robh a' tuigsinn gu dè na h-innleachdan a bha aige. 'S bha iad a' dèanamh a-mach gun do chreic e anam ris an t-Sà tan agus gu robh sgoil dhubh aige. Agus bha 'd a' cumail a-mach riamh nach do dh'fhàs ribe feòir air an uaigh aige.
Ach bha mise ann an Canada agus chaidh mi a choimhead air an uaigh aig Iain agus bha an uaigh aige cheart cho gorm ri uaigh eile as an Ă ite.
'S bha mi a' bruidhinn ris an fhear a bha a' coimhead às dèidh a' chlaidh, am Mount Royal Cemetery am Montreal, agus dh'innis mi dha carson a bha mi dèidheil air, a bharrachd air gur ann a mhuinntir an aon à ite rium fhÏn a bha Iain, gu robh mi airson fhaicinn an robh e fÏor nach do dh'fhàs feur riamh air an uaigh aige.
"Tha sin," ars esan, "ceart gu leòr. Cha do dh'fhàs ribe feòir air uaigh sam bith as an oisein tha seo," ars esan, "gu o chionn còig bliadhna air ais nuair a gheà rr sinn na craobhan. Bha na craobhan a bha a' fàs timcheall ann an seo a' toir an t-sÚigh a-mach às an talamh uile gu lèir agus cha do dh'fhàs feur ann gus na gheà rr sinn sÏos iad."
An dèidh a bhith san Ear-Mheadhanach aig Ă m a' Chiad Chogaidh, chuir Ăisdean MacRath bliadhnaichean seachad ag obair aig companaidhean bhusaichean, an toiseach ann an Cataibh agus an uair sin air Ghalldachd. Bha Ăšidh mhòr aige ann an cĂ raichean agus, a rèir coltais, 's e a thug aon de na ciad Model-T Fords dhan Eilean Sgitheanach, turas a thug faisg air seachdain bhuaidhe.
Cha do lean e ri obair nam busaichean fad a bheatha idir. Bha e a' ruith thaighean-òsta ann an DĂšn Thuilm san Eilean Sgitheanach, an Drochaid Urchaidh, an Ăle agus an Earra-GhĂ idheal. As gach Ă ite, bha fèill mhòr air mar sheinneadair agus mar fhear an taighe.
Chaochail Ăisdean MacRath an Dun Omhain anns a' MhĂ rt 1988.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.