Rugadh Coinneach MacRath ann am Pittsburgh, Pennsylvania, anns na StĂ itean Aonaichte, sa bhliadhna 1890. Bha a phĂ rantan air a dhol tarsainn a' chuain goirid an dèidh dhaibh pòsadh ann an Ăird nan Saor, beagan mhĂŹltean a-mach Ă Inbhir Nis. Thill iad air ais a dh'Alba nuair a bha Coinneach sia bliadhna a dh'aois.
Chaidh e don Ărd-sgoil ann an Inbhir Nis far an tĂ inig e fo bhuaidh Stewart Roddie a bha a' teagasg ciĂšil. Cha b' fhada gus an robh Coinneach a' seinn air Ă rd-Ăšrlar.
Bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois nuair a ghabh e òran Gà idhlig airson a' chiad uair. Ged a bha Gà idhlig gu leòr aig athair, a bhuineadh do Uachdar Neithid ann an Srath Pheothair, cha do dh'ionnsaich e Gà idhlig do mhac.
Bhiodh Coinneach fhèin ag innse gur e Ruaraidh MacLeòid, a choisinn am Bonn Ăr aig an treas Mòd riamh, Mòd an Ăbain ann an 1894, a thug air athair a chur a-staigh airson farpais aig a' Mhòd a bha ann an Inbhir Nis ann an 1903. Ged nach b' aithne dhan bhalach ach dà òran GĂ idhlig choisinn e Bonn Ăr nan gillean an latha ud.
DĂ bhliadhna Ă s dèidh sin bha e aig Mòd Inbhir Pheofharain a' seinn Breacan MĂ iri Ăisdein, òran a thug an tè a sgrĂŹobh e, MĂ iri Mhòr nan Ăran, do athair ach a seinneadh Coinneach e.
Bho bha e òg, bha e follaiseach gur e seinneadair air leth a bha ann an Coinneach MacRath. Bha e a' seinn timcheall Inbhir Nis bho bha e 11 a dh'aois, agus cha robh e ach 17 nuair a fhuair e cuireadh dà òran Gà idhlig a sheinn ann an Lunnainn air beulaibh PrÏomhairean na Co-fhlaitheis, cuirm aig an robh am fÏdhleir ainmeil, Scott Skinner, a' cluich. Bha seo sa bhliadhna 1907.
Nuair a bhris a ghuth goirid an dèidh seo thug Coinneach dà bhliadhna gun seinn idir. Ann an 1910, thòisich e seinn a-rithist agus ghabh e leasain bho sheinneadair Cuimreach, Tom Davies.
Bha Coinneach cuideachd na bhall de Chòisir Ghà idhlig Inbhir Nis aig an à m seo agus, ann an 1910, choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdain.
Nuair a thòisich an cogadh cha deach Coinneach a thogail chionns gu robh e air a ghà irdean a dhroch mhilleadh ann an tubaist nuair a bha e na bhalach. Bha e ag obair ann an oifis nam fear-lagh Innes and Mackay an Inbhir Nis gus na ghluais e, ann an 1920, gu ruige Ceann Loch LÏobhann agus obair an aluminium.
Chuireadh air ceann còisir an sin e, agus rinn iad air leth math. Fhuair iad còig phrĂŹomh dhuaisean aig Mòd an Ăbain an 1920, agus fhuair Coinneach fhèin am Bonn Ăr, a dh'aindeoin 's nach do sheinn e ach aon cheathramh agus sèist an òrain mus do chuir na britheamhan stad air. Thug iad taing dha agus dh'falbh e, 's e dhen bheachd nach do chòrd e idir riutha.
Ach dh'innis Hugh Robertson, aon de na britheamhan, an dèidh là imh:
"Tha aig an t-seinneadair seo an tiodhlac is prĂŹseil thug Dia do dhuine â tarraing nach gabh Ă icheadh. A' mhionaid a nochd e thĂ inig sĂ mhchair. Leig sinn leis ceathramh is sèist gus an cluinneamaid a ghuth-cinn agus dhearbh e e fhèin le sin."
Le misneachadh agus taic bho British Aluminium chaidh Coinneach do Lunnainn agus shoirbhich cho math leis 's gun tugadh dha an cothrom a dhol dhan Eadailt fad dà bhliadhna gus a ghuth a thrèanadh airson opara.
Nuair a thill e air ais gu obair à bhaisteach aig British Aluminium bha leithid de dh'iarraidh air mar sheinneadair 's gun thuig e gum feumadh e taghadh a dhèanamh eadar obair, opara agus rud eile air an robh e gu math eòlach, Music Hall. Bha na tallaichean-ciÚil aig à rd-Ïre aig an à m agus dhèanadh e deagh chosnadh à s.
Roghnaich e Music Hall agus ann an 1926, bliadhna a' stailc mhòr, bha Coinneach a' cosnadh £15 san t-seachdain, a' seinn san Alhambra an Lunnainn còmhla ri Jack Hylton agus Naunton and Gold. Ged a b' e òrain Bheurla bu mhotha a bha e a' seinn, bha e daonnan a' gabhail corra òran Gà idhlig.
San Iuchar 1927, ann an Eaglais Crown Court ann an Lunnainn, phòs Coinneach agus Ruby Donaldson a bha air a bhith a' seinn ann an Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis nuair a bha e fhèin ann. Bha dithis chloinne aca, Mairead agus Coinneach a rugadh an Sasainn.
Nuair a thòisich na taighean-dhealbh a' cur Ă s do na tallachan-ciĂšil thill an teaghlach a dh'Alba. Bha Ruby na neach-teagaisg còcaireachd agus a leithid, agus cheannaich iad taigh-òsta an Dun Ăideann, an Tartan Hotel, an toiseach air Rothesay Place agus an uair sin air Royal Terrace. Bha Ruby an urra ris an taigh-òsta agus bha Coinneach a' siubhal air feadh na dĂšthcha a' seinn leis fhèin agus, glè thric, còmhla ri Mairead NicDhonnchaidh.
Bha na GĂ idheil air leth measail air Coinneach MacRath. A' cuimhneachadh air, thuirt Fred MacAmhlaigh:
"Dh'fhaodadh tu rà dh gu robh gaol aca air, agus rud a chÏte na pheacadh ann an daoine eile, cha robhar a' gabhail ris san dòigh sin idir bho Choinneach.
Chanainn cuideachd nach robh duine ann aig an robh eòlas is tuigse cho cinnteach air daoine a thà ladh le ceòl is òrain. Agus chan e sin a-mhà in, ach bha e a' faighinn uibhir a thoileachas agus a thlachd a' seinn do chà ch, 's nach b' urrainn dhaibhsan gun a bhith mothachail air sin, a bharrachd air a chomas mar òranaiche."
SgrÏobh am bà rd Aonghas Caimbeul (Am Bocsair), à Nis, Leòdhas, mun bhuaidh a bha aig an t-seinn aig Coinneach MacRath air fhèin:
Is ann Diluain an Talla Anndrais
Chuir thu deann ri m' bhuadhan,
Cridhe 's aignidhean ri dannsa
'S ceòl nan gleann am chluasan;
RĂ n na mara meadhan geamhraidh
Tighinn na mhill 's na stuaghan
Pògadh cladaichean tÏr m' òige
Far am b' eòlach uair mi.
Chuala mi is mi gad èisteachd
Geumnaich air a' bhuaile
Crodh-laoigh throma 's uain air tomain
'S fèidh an cois an fhuarain;
Easan siubhlach, cama, srĂšthlach
LĂšbadh stalla chruaidh-chreag;
Is seirm nan eun le ceilear aotrom
Feadh an fhraoich 's an luachair.
Chuala mi tĂ ladh mo mhĂ thar
Cridhe blĂ th ri bualadh,
Is gaol na h-òige, là n de dhòchas
Snà mh le ceòl nam chluasan;
PĂŹob ri caismeachd air na srathan
Nam port brasa luatha,
Leis an gluaiseadh fir nam breacan
Gu cath fala buadhach.
DĂšrachd mhaireann, a MhicRath, dhut,
Guma fad buan thu
Gu bhith dĂšsgadh suas ar cridhe
Piseach agus buaidh ort.
Saoghal fada, grian air adhar,
Fallaineachd gun ghruaman
Ăighe cheanalt' ri do chagailt
'S èirigh 's laighe suaimhneach.
Chaochail Coinneach MacRath ann an DĂšn Ăideann ann an 1979.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.