
Rugadh Iain Murchadh Moireasdan, John Murdo DhĂ naidh Mhurchaidh a' Chlachair air an Tairbeart, anns Na Hearadh, ann an 1937.
B' i Catrìona NicAmhlaigh, Catrìona Dhòmhnaill Barabail, à Siadar a' Rubha bu mhà thair dhà . B' esan an aon mhac anns an teaghlach ach tha dithis pheathraichean aige, Shona agus Irene.
Bha ceanglaichean an teaghlaich air taobh athair ris an Eilean Sgitheanach. ThĂ inig a sheanair, Murchadh a' Chlachair, agus triĂąir bhrĂ ithrean dha, Ă s an Eilean Sgitheanach a thogail taighean-sgoile Ăąr anns Na Hearadh.
Bha Iain Murchadh ann an sgoil an Tairbeart gus an deach e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh, far an robh e bho 1953 gu 1956. An dèidh sin rinn e Seirbheis Nà iseanta anns a' Chaisteal Nuadh agus Northampton. An dèidh a bhith anns an Royal Army Pay Corps, bha e ag obair anns an t-Seirbheis Shìobhalta airson deich bliadhna bho 1960, a' mhòr-chuid dhen ùine sin ann a' Steòrnabhagh.
Anns na 60an agus na 70an bha coimisean aige anns na Queen's Own Highlanders Army Cadet Force agus 's e bha an urra ri Platoon Na Hearadh.
Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idealaich aig Mòd na Leargaidh Ghallda ann an 1965.
Airson ceithir bliadhna aig toiseachd na 70an bha e na Iar-fhear Stiùiridh aig a' Chomunn Ghà idhealach, ann a' Steòrnabhagh.
Phòs e Helen Chamshron ann an 1971 agus tha triùir chloinne aca, Sarah, Anndra agus Camshron. Bha na Camshronaich a' ruith Taigh-òsta Na Hearadh airson a' mhòr-chuid dhen fhicheadamh linn agus an dèidh An Comunn fhà gail bha Iain Murchadh agus teaghlach nan Camshronach a' ruith an Taigh-òsta gus an do leig e fhèin agus Helen dhuibh an dreuchdan ann an 1996. Ghabh a nighean, Sarah, thairis uallach an Taigh-òsta an uair sin.
Tha Iain Murchadh air a bhith an sàs ann an cùisean co-cheangailte ri leasachadh coimhearsnachd anns Na Hearadh airson faisg air 50 bliadhna. Bha e na Fhear Cathrach air H.M.I.A., Harris Mutual Improvements Association, airson còig bliadhna fichead (1967-1992) agus anns na seachdadan bha e gu mòr an urra ris na h-oidhirpean anns an sgìre airson airgead a thional airson Talla Coimhearsnachd ùr a thogail air an Tairbeart.
Bha là mh mhòr aige ann a bhith a' stèidheachadh Seachdain Gala Na Hearadh, agus 's ann, gu ìre, ri linn nan iomadh tachartas a bh' ann fad na seachdain sònraichte seo, a chaidh an t-suim mhòr airgid a bha dhìth airson na talla ùr a chruinneachadh. Dh'fhosgail an talla ann an 1977.
Bha Iain Murchadh cuideachd na Rùnaire air Comhairle Sheirbheisean Sòisealta Na Hearadh, Comhairle Sheirbheisean Sòisealta Leòdhais, na Fhear Cathrach air Gun Club Na Hearadh, na Rùnaire air Buidheann Ceà ird Na Hearadh, na Fhear-stiùiridh agus na Iar-fhear Cathrach air Urras a' Chlò Mhòir.
Tha e fhathast na Mhanaidsear air pròiseactan à rainneachd agus pròiseactan airson Buidheann nan Ciorramach agus na Fhear Cathrach air Ionad Sheallam. 'S e Vice Lord Lieutenant airson nan Eileanan an Iar.
'S e mac Catrìona, piuthar athar, a bha anns a' bhà rd Murchadh Moireasdan a sgrìobh, am measg òrain mhatha eile, A Nighneag a Ghrà idh. 'S e Iain Murchadh a thug an t-òran seo gu aire an t-sluaigh agus tha e a-nise air fear de na h-òrain gaoil as fheà rr le luchd-èisteachd òrain Ghà idhlig.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.