Rugadh Murchadh Moireasdan ann an Cùl na h-Àirde as na Hearadh ann an 1913, an treas leanabh ann an teaghlach anns an robh aon duine deug. B' e Murchadh Dhòmhnaill Aonghais Dhòmhnaill à Àird Àsaig athair agus bha a mhà thar, Catrìona Mhurchaidh Chlachair, on Tairbeart.
Nuair a dh'fhà g Murchadh an sgoil chaidh e a dh'obair dhan mhuileann chlòimh a bha air an Tairbeairt agus thug e cuideachd greis ag obair còmhla ri brà thair a mhà thar, Dòmhnall Ailig, a' togail thaighean agus a' clachaireachd.
Rè ùine dh'fhas an obair gann agus chaidh Murchadh a Ghlaschu far an d' fhuair e obair ann a' French's Warehouse, à ite a bha reic aodaich.
Nuair a thòisich an cogadh chaidh e dhan Nèibhidh, na ghunnair a' feuchainn ri cur às do mhèinnean air taobh an ear Shasainn. Bha e greisean cuideachd ann am Malta, Afraga a Tuath, Aimeireaga agus san Fhraing. Thà inig e às a' chogadh le D.S.M..
'S ann aig à m a' chogaidh a rinn e an t-òran Brà igh Àird Àsaig, mar a mhìnich Mòrag NicLeòid as an ro-rà dh a sgrìobh i anns an leabhar de dh'òrain Mhurchaidh a dheasaich i ann an 1992:
"Bha e air a' bhà ta tighinn a-nuas taobh sear Shasainn, a-nuas ris a' chladach, 's e na sheasamh anns an taigh-chuibhle, an uinneag fosgailte is cuideigin eile aig an stiùir. Chuir e a ghà irdean air an uinneig, agus thà inig an t-òran dìreach às an iarmailt.'"
Mhìnich Morag cuideachd a' bhuaidh a bha aig òige an Cùl na h-Àirde air a bheatha agus na bà ird a thug buaidh air a' bhà rdachd:
"A' sealg 's ag iasgach, ag iomain chaorach is chruidh 's ag à iteach an fhearainn tron latha, air an oidhche bhiodh e ag èisteachd ri naidheachdan 's ri sgeulachdan 's ri bà rdachd, a' dol gu luaidh is gu bainnsean.
Bha meas aige air a' Chiaran Mhabach, 's air Donnchadh Bà n, 's air Mac Mhaighstir Alasdair 's an leithidean, agus bu toigh leis Am Bà rd Pabach (Niall Moireasdan), Bà rd Chliubhair (Alasdair MacFhearghais), Dòmhnall Ailean Ruaraidh Òig (MacFhionghain) agus Alasdair Aonghais Alasdair (Moireasdan)."
Phòs Murchadh Edna Beattie à Glaschu ro dheireadh a' chogaidh agus còmhla ri brà thair Edna bha e a' ruith bùth sa bhaile fad iomadh bliadhna.
Bha e gu mòr an sàs ann am beatha nan Gà idheal an Glaschu, mar a dh'innis Mòrag NicLeòid:
"'S e chiad eòlas a chuir mi fhèin air Murchadh a bhith ga fhaicinn air à rd ùrlar mar fhear-taighe aig Cairistìona Dhòmhnallach ann an Oidhche Challainn aig Comann Leòdhais is na Hearadh. Bhiodh Murchadh na bhodach amh, a' tilgeil smugaidean, a' nigh' a chasan ann am mìs anns an rùm anns am biodh i fhèin a' toirt aoigheachd do chèileadairean na Callainn.
Thigeadh seinneadair 's fear-ciùil ma seach a-steach, 's bhiodh rudan èibhinn a' tachairt, rudan a bha dùil agad a thachradh ach 's iomadh gà ire a thug iad oirnn, gà ire sa Ghà idhlig fiù 's ged a bhiodh tòrr Beurla na measg.
'S e Ailig MacÌomhair agus a bhrà thair Dòmhnall a bha cumail rian air cùisean an uair sin agus bha Murchadh Moireasdan na phà irt dhan spòrs airson mu fhichead bliadhna eadar 1960 agus 1980 no mun tuaiream sin. Bha e na Cheann-suidhe air Comann Leòdhais is na Hearadh o 1961-1964."
Rinn Murchadh Moireasdan iomadh seòrsa òran air iomadh seòrsa cuspair, gaol, grà dh-dùthcha, cianalas, seòladh, fealla-dhà , deoch-là idir, dà in spioradail. Ach dhuibh uile tha na Gà idheil gu h-à raidh measail air dà òran a rinn e, 'Cùl na h-Àirde' agus A Nighneag a Ghrà idh.
Chaochail Murchadh Moireasdan air 27 MĂ rt, 1994.
Tuilleadh Fiosrachadh
Tha iomradh air beatha a' bhà ird agus dà dhusan òran leis anns an leabhar Bà rdachd Mhurchaidh Mhoireasdain (na Hearadh), deasaichte le Mòrag NicLeòid. Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 1992.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.