English / GÄ‚ idhlig
Chaidh a' chiad phrògram Gà idhlig a chraobh-sgaoileadh air an radio anns an Dùbhlachd 1923. 'S e seirbheis adhraidh a bha ann. Chaidh an craobh-sgaoileadh am meud gus an robh òrain agus ceòl nan Gaidheal ann cuideachd, agus thòisich naidheachdan anns a' Ghà idhlig ri linn Cogadh Hitler, seirbheis a fhuair fà ilte mhòr. Bho là nan radio chriostail dh'fhàs craobh-sgaoileadh Gà idhlig gu mòr air radio. Ann an 1979 chaidh ionad-craolaidh ùr ann an Steòrnabhagh fhosgladh agus o chionn 1996, mar thoradh air leudachadh agus atharrachadh eile a' chraolaidh tha an t-seirbheis Ghà idhlig a-nis ri fhaighinn le 90% dhen t-sluagh ann an Alba.
Tha sinne a' craoladh mu 65 uair a thìde gach seachdain de sheirbheis Radio nan Gaidheal (103.5 -105 FM) - agus còrr math is 100 uair a thìde de thelebhisean Gà idhlig sa bhliadhna air BBC AON is DHŔ. Tha measgachadh seòrsa prògraim air gach seirbheis agus 's e ar n-amas gach meur de ar luchd èisteachd is amhairc a fhrithealadh. Tha an là rach-lìon a' meudachadh ar n-adhartasan craolaidh gu ruige seo.
GĂ idhlig
A dh'aindeoin 's cho là idir 's a tha a' Bheurla nar là fhìn, 's i a' Ghà idhlig a' chà nan as fhaide beò ann an Alba. Thà inig i gu tìr air teangaidh nan Gaidheal às èirinn ann an Earra-Ghaidheal ("Oirthir nan Gaidheal"), anns an rìoghachd ris an abradh Dal Riada, an rìoghachd às an tà inig na ciad rìghrean a bha aig na h-Albannaich uile gu lèir. 'S e "Gaidheil" an t-ainm air na h-eilthirich seo, agus 's e "Gà idhlig" a bha air an cà nain.
Dh'fhàs a' Ghà idhlig gu mòr air feadh Alba, agus bha naoimh, saighdearan agus riaghladairean an sàs ann an saoghal na Gà idhlig. Tha coltas gun robh a' bhuaidh a bu mhò aig a' Ghà idhlig eadar an naoidheamh linn agus an dara linn deug. 'S i a' Ghà idhlig cà nain nan rìghrean agus cà nain nan cùirtean-lagha.
Anns a' Mheadhan Linn thòisich a' Ghà idhlig air crìonadh agus bha a' Bheurla a' dol am meud. Bha a' Ghà idhlig air a cùmhnadh ann an ceà rnaidhean dùthchail de dh'Alba, mar ann an earrannan de Shiorrachd Inbhir Air gus an 17mh linn, ach aig toiseach an 19mh linn bha i a' sìoladh as fiù ann an taobh an iar Siorrachd Pheairt.
Nuair a dh'fhuadaich uachdarain slòigh mhòra a bhuineadh dhan dùthaich anmoch anns an 19mh linn, chailleadh muinntir na dùthcha aig an robh Gà idhlig. Aig an aon à m, shruth sluagh anns na bailtean gus an robh à ireamhan mòra de luchd-bruidhne na Gà idhlig a' fuireach an-siud. 'S ann anns na bailtean a thòisich srì airson cor na Gà idhlig anmoch anns an 19mh linn agus trà th anns an linn againn. Chaidh Roinnean na Ceiltis a stèidheachadh ann an oilthighean agus ghlèidh foillseachadh an dà chuid cà nan agus dualchas. Chuir radio agus an uair sin telebhisean taic ri seo cuideachd agus tha sin a' leantainn gu follaiseach an-diugh.
Tha teagasg na h-òigridh bunaiteach ma bhios a' Ghà idhlig beò mòran nas fhaide, agus chan eil teagamh nach cuir foghlam fo aois sgoile agus foghlam tro mheadhan na Gà idhlig ris an obair seo.