Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

BailteilComharran am baile a-staigh

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Comharran am baile a-staigh

Glaschu

Far am bi am baile a-staigh:

  • ann am mòr-bhailtean nas sine, faisg air a' mheadhan agus timcheall a' PhSG
  • tha sgìrean sa bhaile a-staigh air an aithneachadh, chan ann a-mhàin le comharran fiosaigeach, ach glè thric le droch chomharran sòisealta-eaconamach

Tha am baile a-staigh san sgìre seo oir:

  • ann am mòr-bhailtean nas sine, faisg air a' mheadhan agus timcheall a' PhSG
  • tha sgìrean sa bhaile a-staigh air an aithneachadh, chan ann a-mhàin le comharran fiosaigeach, ach glè thric le droch chomharran sòisealta-eaconamach

Tha am baile a-staigh san sgìre seo oir:

  • bha seann fhactaraidhean gnìomhachas trom faisg air meadhan a' bhaile
  • chaidh taigheadas saor, mar teanamaintean, a thogail luath do luchd-obrach le pàigheadh ìosal a dh'fheumadh fuireach faisg air an obair
  • b' urrainn do dhaoine ann an sgìrean bochda sa bhaile a-staigh na goireasan ann am meadhan a' bhaile a chleachdadh

Tha am baile a-staigh furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:

  • tòrr thogalaichean agus dìth deagh thalamh fosgailte, me pàircean
  • pàtran-clèithe air na sràidean
  • taigheadas saor agus nas sine bhon naoidheamh linn deug – mar as trice teanamaintean ann an Alba agus taighean barraide ann an Sasainn
  • taighean truagh gun ghàrraidhean
  • talamh trèigte
  • seann ghnìomhachas a' crìonadh no air dùnadh
  • àireamh-sluaigh a' crìonadh agus cion-cosnaidh àrd
  • sgìre mòra ath-leasachaidh no ath-nuadhachadh bailteil
  • glè bheag de bhùithtean goireasach
  • tòrr truailleadh-èadhair air sgàth trafaig
  • truailleadh mar bhandalachd agus graffiti
  • sgìrean air an leagail airson mòr-rathaidean agus cuairt-rathaidean

Ann an Glaschu tha Baile Ghobhainn na eisimpleir de sgìre baile a-staigh.

More guides on this topic

Trending Now