Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

BailteilSòn gnìomhachais ùr

Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Sòn gnìomhachais ùr

Glaschu

Sòn gnìomhachais ùr, Glaschu
Image caption,
Sòn gnìomhachais ùr, Glaschu

Tha an sòn gnìomhachais ùr:

  • air iomaill a-muigh a' bhaile air làrach ùr-uaine
  • ri taobh phrìomh rathaidean airson faighinn thuige
  • air talamh còmhnard, fosgailte

Tha an sòn gnìomhachais ùr air iomaill a-muigh a' bhaile oir:

  • tha e air falbh bho dhùmhlachd a' PhSG
  • tha rùm ann airson leudachadh
  • tha an talamh nas saoire agus faodar factaraidhean beaga a thogail

Tha an sòn gnìomhachais ùr furasta aithneachadh bho na comharran a leanas:

  • chan eil e ro dhùmhail – togalaichean le aon no dà ùrlar
  • togalaichean ùr-nodha de bhreigichean agus de ghlainne
  • air a sgaradh bho thaighean
  • air a sgeadachadh le craobhan agus pris
  • factaraidhean ann am buidhnean còmhla ann an raointean-gnìomhachais
  • tha na prìomh rathaidean faisg airson steach-mhalairt/mach-mhalairt
  • pàircean mòra chàraichean airson luchd-obrach agus làraidhean bathair

Ann an Glaschu tha Raon-gnìomhachais Hillington na eisimpleir de raon-gnìomhachais ùr-nodha.

More guides on this topic

Trending Now