Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

SluaghComharran leasachaidh sòisealta agus eaconamach

Bidh taisbeanairean sòisealta agus eaconamach air leasachadh a’ toirt buaidh air àireamh-sluaigh a’ fàs fhad ’s a tha feartan fiosaigeach agus daonna a’ toirt buaidh air sgaoileadh-sluaigh.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Comharran leasachaidh sòisealta agus eaconamach

Leasachadh

Tha leasachadh a' ciallachadh gu bheil inbhe beòshlaint dhaoine ann an dùthaich a' fàs nas fheàrr. Faodaidh sin a bhith a' gabhail a-steach chùisean eaconamach mar beairteas agus cùisean sòisealta mar litearrachd. Airson leasachadh dùthcha obrachadh a-mach, faodar taisbeanairean sòisealta agus eaconamach a chleachdadh. Leigidh sin dhut obrachadh a-mach co-dhiù a bheil dùthaich leasaichte no fo leasachadh agus na coltasan agus na diofaran a tha eatarra a chomharrachadh.

Taisbeanairean eaconamach air leasachadh

Tha iad seo a' tomhas mach-chur eaconamach, no beairteas dùthcha. Tha iad a' gabhail a-steach Mòr-thoradh Nàiseanta (GNP: Gross National Product) gach neach, agus 's e sin luach a' bhathair air a dhèanamh ann an dùthaich air a roinn leis an àireamh-sluaigh gu lèir gus teachd-a-steach chuibheasach a thoirt airson gach neach.

Duilgheadasan le bhith a' coimhead air aon taisbeanair a-mhàin mar GNP:

  • 's e figear cuibheasach a tha seo, agus faodaidh fiaradh tighinn ann gu furasta air sgàth beagan theaghlaichean a tha uabhasach beairteach, agus dh'fhaodadh sin bochdainn uabhasach sa mhòr-shluagh fhalach
  • chan eil e a' gabhail a-steach cosgais bathair a tha a' toirt buaidh air nas urrainn do dhaoine a cheannach leis an tuarastal aca
  • chan eil dè cho beairteach 's a tha dùthaich idir a' gabhail a-steach mar a tha an t-airgead air a chleachdadh oir chan eil e a' sealltainn dàta air dè cho math 's a tha daoine air an oideachadh no dè cho math 's a tha an daithead aca
  • chan eil iad a' gabhail a-steach nan diofaran eadar sgìrean bailteil agus dùthchail, me ann am Brasil eadar sgìrean bochda favela agus sgirean nas beairtiche taobh a-staigh nam bailtean

More guides on this topic

Trending Now