Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

SluaghFactaran a' toirt buaidh air reat-breith is bàis

Bidh taisbeanairean sòisealta agus eaconamach air leasachadh a’ toirt buaidh air àireamh-sluaigh a’ fàs fhad ’s a tha feartan fiosaigeach agus daonna a’ toirt buaidh air sgaoileadh-sluaigh.

Part of Cruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Factaran a' toirt buaidh air reat-breith agus reat-bàis

Àireamh-sluaigh a' fàs

Bha àireamh-sluaigh an t-saoghail an ìre mhath ìosal agus stèidheil gu na 1950an agus an uair sin thàinig àrdachadh mòr. Bhon uair sin, tha an àireamh-sluaigh air a bhith a' dol suas gu luath. Ann an 2011 chaidh an àireamh seachad air 7 billean. Tha a' chuid as motha dhen àrdachadh san àireamh-sluaigh a-rithist ann an dùthchannan fo leasachadh.

F‡s ris a bheil d˘il ann an ‡ireamh-sluaigh an t-saoghail 1950-2050
Figure caption,
Fàs ris a bheil dùil ann an àireamh-sluaigh an t-saoghail 1950-2050

'S e na prìomh adhbharan airson an àrdachaidh seo gun deach an reat-bàis air feadh an t-saoghail sìos agus gun do dh'fhuirich an reat-breith glè àrd. Bha sin a' ciallachadh gun robh barrachd dhaoine gam breith na bha a' bàsachadh, agus mar sin dh'fhàs an àireamh-sluaigh. Canar àrdachadh nàdarra ris an diofar eadar reat-breith agus reat-bàis.

Ann an dùthchannan leasaichte lethid na Rìoghachd Aonaichte (RA), tha an dà chuid an reat-breith agus an reat-bàis ìosal.

Tha an reat-breith ìosal oir:

  • tha inbhe nas fheàrr aig boireannaich
  • tha casg-gin agus comhairle air planadh teaghlaich nas fhasa fhaotainn
  • tha barrachd chothroman cosnaidh is obrach ann do bhoireannaich
  • tha a' chosgais airson teaghlach a thogail air a dhol suas
  • tha barrachd dhaoine a' dol an sàs ann an dàimhean aig aois nas sine, agus chan eil uiread de chothrom ann teaghlaichean mòra a bhith aca

Tha an reat-bàis ìosal air sgàth:

  • adhartas ann an leigheas
  • banachdachdan an aghaidh ghalaran, me a' ghriùthrach
  • piseach air uisge agus slàintealachd
  • dòighean nas fheàrr air biadh a dhèanamh agus a ghleidheadh
  • còmhdhail nas fheàrr airson biadh
  • reat-bàis nas ìsle am measg leanaban

Mar sin tha an àireamh-sluaigh ann an dùthchannan leasaichte an ìre mhath stèidheil agus chan eil e a' dol suas no sìos mòran.

Ann an dùthchannan fo leasachadh, mar na h-Innseachan, tha an reat-bàis air a dhol sìos ach tha an reit-breith fhathast àrd.

Tha reatan-breith àrd oir:

  • tha feum air clann airson obair a dhèanamh agus airson airgead a chosnadh dhan teaghlach
  • tha feum air clann airson gun coimhead iad às dèidh am pàrantan nuair a bhios iad sean oir tha dìth pheinnseanan ann
  • tha dìth ghoireasan is eòlas ann air casg-gin agus planadh teaghlaich
  • tha reat-bàis àrd am measg leanaban, agus mar sin tha barrachd chloinne aig daoine oir tha iad an dòchas gum bi cuid dhiubh beò gus inbheachd a ruighinn
  • tha cuid de chreideamhan a' moladh theaghlaichean mòra
  • ann an cuid de dhùthchannan fo leasachadh, faodaidh clann a bhith nan comharra air fearalachd

Tha reatan-bàis gu math àrd oir:

  • tha biadh gann air sgàth gòrt
  • tha droch dhaithead ag adhbharachadh dìth-beathachaidh
  • tha slàintealachd truagh agus chan eil uisge glan ann
  • tha mòr-thubaistean nàdarra a' sgrios bàrr
  • tha galaran pailt, me mailèiria
  • Chan eil dotairean, cungaidhean-leigheis no cùram pailt
  • tha cogadh ann

Seach gu bheil reatan-breith nas àirde na reatan-bàis, tha an àireamh-sluaigh a' fàs gu luath ann an dùthchannan fo leasachadh.

More guides on this topic

Trending Now