Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgilean ailseabrachLuachaich abairt/foirmle

Sìmplichidh tu abairtean ailseabrach le bhith ag iomadachadh a-mach nan camagan is a' cruinneachadh theirmean co-choltach, no a' factaradh le factar cumanta. Lorg caisead loidhne dhìreach le foirmle.

Part of MatamataigAilseabra

Luachaich abairt/foirmle

Lorgaidh sinn luach abairt nuair a bhios fios againn air luachan \(x\), \(y\), msaa.

Mus tòisich sinn, feumaidh sinn cuimhneachadh air : an t-òrdugh anns am bi sinn a' dèanamh obrachaidhean.

CÒRICT = Camagam, Òrdugh, Roinn, Iomadaich, Cuir-ris, Thoir-air-falbh

Question

Lorg luach \(3x + 5y\) nuair a tha \(x = 2\) agus \(y = -1\).

Question

Lorg luach \(5c - b + 2a\) nuair a tha \(a = 3\), \(b = 1\) agus \(c = 4\).

Question

Seo foirmle tuairmseach a dh'atharraicheas teòthachdan celsius gu fahrenheit: \(F = 2C + 30\).

Obraich a-mach \(F\) nuair a tha \(C\) aig 15.

Trending Now