Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An Riaghaltas Làbarach agus an Stàit ShochaireanLeasachaidhean a thaobh Dìth

An dèidh an Dara Cogaidh stèidhich an Riaghaltas Làbarach Stàit nan Sochairean. Chaidh iad an sàs sna ‘Còig Mhòra’ bho Aithisg Beveridge – Tinneas, Dìth, Salchar, Aineolas is Dìomhanas.

Part of EachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Leasachaidhean a thaobh Dìth

Achd Àrachas Nàiseanta, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • A' toirt dìon a thaobh airgid nam biodh duine gun obair no tinn. Luchd-obrach a' faotainn 26 tastan san t-seachdain no 42 tastan do dh'fhir phòsta.
  • Seann daoine a' faotainn peinnsean.
  • Taic-airgid airson tiodhlacadh.
  • Na cùmhnantan obrach a b' ìsle air an stèidheachadh do dhaoine aig an robh obair.

Dìth soirbheachaidh:

  • Air an càineadh airson na h-àireimh mhòir de dh’oifigich air an robh feum airson an sgeama obrachadh.
  • Cha robh càil ann do dhaoine aig nach robh obair agus nach do phàigh a-steach dhan sgeama.

Bochdainn sna 1900an

Achd Leòn Gnìomhachais, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Sochair airgid do dhaoine a bha greiseag gun obair air sgàth leòn.
  • Sochair airgid do dhaoine a bha far an obair greis mhòr.

Dìth soirbheachaidh:

B' e an riaghaltas, agus cha b' e fastaidhear, a bha a' pàigheadh airgead-dìolaidh agus bha sin a' ciallachadh gur e an riaghaltas a bha a' pàigheadh airson leòn san obair.

Achd Cobhair Nàiseanta, 1948

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Sochair airgid do dhaoine gun obair no nach robh air gu leòr a phàigheadh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta.
  • Sochair do sheann daoine nach do phàigh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta rè am beatha.
  • Na cùmhnantan beatha a b' ìsle air an stèidheachadh do dhaoine gun obair.

Dìth soirbheachaidh:

  • Stèidhichte air deuchainn teachd-a-steach. Bha an t-airgead a gheibheadh duine a rèir 's dè na bha de dh'airgead no stuth luachmhor aig neach no teaghlach.
  • Bha mòran sheann daoine nach robh deònach cur airson cuideachadh oir bha iad a' creidsinn gun robh stiogma na chois.
Trending Now