Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An Riaghaltas Làbarach agus an Stàit ShochaireanLeasachaidhean a thaobh Salchair

An dèidh an Dara Cogaidh stèidhich an Riaghaltas Làbarach Stàit nan Sochairean. Chaidh iad an sàs sna ‘Còig Mhòra’ bho Aithisg Beveridge – Tinneas, Dìth, Salchar, Aineolas is Dìomhanas.

Part of EachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Leasachaidhean a thaobh Salchair

Achd nam Bailtean Ùra, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

12 baile ùr air am planadh airson nach biodh cus dhaoine a' fuireach còmhla.

Dìth soirbheachaidh:

  • Nochd cunntas-sluaigh 1951 gun robh mun aon àireamh gun dachaigh 's a bh' ann an 1931.
  • Bha iarraidh mhòr fhathast ann airson thaighean.

Staid taigheadais ann am Breatainn

Achd an Taigheadais, 1949

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Dh'fhaodadh comhairlean droch thaighean a cheannach agus a chàradh.
  • Dh'fhaodadh daoine cur airson cuideachadh gus na taighean aca a leasachadh.

Dìth soirbheachaidh:

Bha droch thaigheadas agus dìth dachaigh fhathast nan duilgheadasan mòra aig deireadh an Riaghaltais Làbaraich ann an 1951.

Trending Now