Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Pythagoras Geoimeatraidh

Teoraidh Phythagoras – ann an triantan ceart-cheàrnach, tha faid cheàrnagaichte a' hypotenuse co-ionann ri sùim faidean ceàrnagaichte an dà thaoibh eile.

Part of MatamataigGeoimeatraidh

Geoimeatraidh

Gus faid taoibh air ceart-cheàrnach obrachadh a-mach nuair a tha fios agad air meud an dà thaoibh eile, feumaidh tu Teoraidh Phythagoras a chleachdadh.

A rèir Teoraidh Phythagoras, ann an triantan ceart-cheàrnach:

Tha faid cheàrnagaichte a' co-ionann ri sùim faidean ceàrnagaichte an dà thaoibh eile.

Pythagoras diagram showing right angled triangle with values a, b and c and squares a≤, b≤ and c≤

Tha e nas fhasa seo a sgrìobhadh mar:

\({a^2} = {b^2} + {c^2}\)

Diagram of right angled triangle with a, b and c dimensions and the formula a² = b² + c²

Ag obrachadh a-mach faid a' hypotenuse

Question

Cleachd Teoraidh Phythagoras agus obraich a-mach faid a' hypotenuse. Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach.

rectangle 4 x 7 x X

Question

Obraich a-mach faid taobh \(x\)

Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach.

Diagram of a 5 x 9 right-angled triangle with the gradient edge marked x

Eisimpleir

Obraich a-mach faid taobh \(a\).

Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach.

rectangle 12 x 8 x a

Freagairt

  • Sgrìobh an co-aontar: \({12^2} = {a^2} + {8^2}\)
  • Cuir air dòigh an co-aontar \({a^2} = {12^2} - {8^2}\). Gus faid taobh goirid obrachadh a-mach, faodaidh sinn cuideachd am foirmle \({b^2} = {a^2} - {c^2}\) a chleachdadh.
  • Ceàrnagaich na faidean as aithne dhut: \({a^2} = 144 - 64\)
  • Dèan thoir-air-falbh: \({a^2} = 80\)
  • Obraich a-mach am freumh ceàrnagach: \(a = \sqrt {80}\)
  • \(a = 8.94 \,(gu\,2\,id.)\)

Question

Obraich a-mach faid taobh \(a\).

Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach.

Right-angled triangle with values a, 9 and 13

More guides on this topic

Trending Now