Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Pythagoras A' fuasgladh cheistean le Teoraidh Phythagoras

Teoraidh Phythagoras – ann an triantan ceart-cheàrnach, tha faid cheàrnagaichte a' hypotenuse co-ionann ri sùim faidean ceàrnagaichte an dà thaoibh eile.

Part of MatamataigGeoimeatraidh

A' fuasgladh cheistean le Teoraidh Phythagoras

Question

Right-angled triangle with values x, 14 and 30m

Tha càball ceangailte ri post, 30 meatair os cionn na talmhainn.

Tha ceann eile a' chàbaill 14 meatairean bho bhonn a' phuist.

A rèir nan riaghailtean, feumaidh nas lugha na 35 meatairean a bhith sa chàball.

A bheil an càball a rèir nan riaghailtean?

Thoir adhbhar airson do fhreagairt.

A' cleachdadh Pythagoras le co-chomharran

Faodaidh sinn Pythagoras a chleachdadh cuideachd gus an t-astar eadar dà phuing obrachadh a-mach.

Question

Ma tha na co-chomharran (3, 4) aig A agus na co-chomharran (10, 12) aig B, obraich a-mach faid AB. Thoir do fhreagairt gu aon ionad deicheach.

More guides on this topic

Trending Now