Na Stàitean AonaichteDè an structar a tha air Riaghaltas nan SA?

Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a' toirt buaidh air saoranaich nan SA.

Part of Nuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Dè an structar a tha air Riaghaltas nan SA?

Tha Riaghaltas nan SA air a roinn na riaghladh stàite, riaghladh ionadail agus riaghladh feadaralach.

Mar a tha Riaghladairean Stàite air an taghadh agus na cumhachdan a th’ aca

Riaghladh feadaralach agus stàite

Chan eil cumhachd anns na SA stèidhichte air aon neach no buidheann riaghlaidh a-mhàin. An àite sin, mar a tha sgrìobhte ann am Bun-reachd nan SA, tha a' chumhachd air a co-roinn eadar an riaghaltas nàiseanta (canar glè thric an riaghaltas feadaralach ris) agus gach aon den 50 riaghaltas stàite anns na SA.

Dè tha ann am feadaraileachd?

Tha feadaraileachd a' ciallachadh gu bheil riaghladh air a roinn eadar an ìre nàiseanta, ìre na stàite agus an ìre ionadail.

Tha cumhachdan riaghaltas feadaralach nan SA air an cur a-mach gu soilleir ann am Bun-reachd nan SA. Mar eisimpleir, tha a' chòir aig an riaghaltas fheadaralach co-dhùnaidhean a dhèanamh air na leanas:

  • an t-arm
  • na cìsean feadaralach gu lèir
  • clò-bhualadh airgid
  • riaghailtean malairt eadar stàitean

Dè bhios riaghladh stàite a' dèanamh?

'S e aonadh de 50 stàit a th' ann an Stàitean Aonaichte Ameireaga, agus tha an seasamh agus an ùghdarras fhèin aca taobh a-muigh an riaghaltais fheadaralaich. Tha seo a' ciallachadh gu bheil a' chòir aig gach stàit co-dhùnaidhean a dhèanamh anns na raointean air nach bi riaghaltas feadaralach nan SA a' co-dhùnadh.

Mar eisimpleir, faodaidh a laghan fhèin a bhith aig gach stàit air na leanas:

  • eucoir agus peanas
  • smachd ghunnaichean
  • aois airson pòsadh, dràibheadh agus foghlam
Dealbh a' sealltainn mar a tha cumhachd air a co-roinn anns na Stàitean Aonaichte

Dè bhios riaghladh feadaralach a' dèanamh?

Togalach a Chapitol anns na SA
Figure caption,
Togalach a Chapitol, Washington

Tha riaghaltas feadaralach nan SA stèidhichte ann a' Washington DC agus tha e a' gabhail a-steach a' Chinn-suidhe, Mòr-dhail nan SA (dà thaigh – Taigh nan Riochdairean agus an Seanadh) agus Prìomh Chùirt nan SA.

Tha 435 buill ann an Taigh nan Riochdairean. Tha an àireamh a bhios gach stàit a' taghadh a rèir na h-àireimh-sluaigh. Tha barrachd luchd-mòr-dhail ann an stàitean le àireamh-sluaigh nas motha.

Tha 100 seanadair ann, a dhà airson gach stàit a dh'aindeoin àireamh-sluaigh gach stàit.

Tha naoi buill anns a' Phrìomh Chùirt. Tha britheamhan na Prìomh Chùirt air an ainmeachadh fad am Beatha leis a' Cheann-suidhe agus le aonta an t-Seanaidh.

Tha a Riaghladair fhèin, Mòr-dhail Stàite agus Cùirt Stàite aig gach 50 stàit fa leth.

Dè tha 'sgaradh chumhachdan' a' ciallachadh?

Canar sgaradh chumhachdan ri roinn agus co-roinn chumhachdan eadar an Riaghaltas (Ceann-suidhe), Reachdachadh (Mòr-dhail) agus Britheamhan (Prìomh Chùirt).

Dè th' anns an t-siostam casg agus cothrom?

Rinn na daoine a sgrìobh Bun-reachd Ameireaga ann an 1789 obair mhòr airson dèanamh cinnteach nach biodh a' chumhachd phoilitigeach cruinn còmhla taobh a-staigh aon mheur de riaghaltas nàiseanta. Mar sin, tha siostam 'casg agus cothrom' ann airson smachd a chumail air cumhachd.

Mar eisimpleir, faodaidh a laghan fhèin a bhith aig gach stàit air na leanas:

  • Bidh an Ceann-suidhe ag ainmeachadh thosgairean agus buill dhen Chaibineat, a' taghadh bhritheamhan Feadarail agus a' co-rèiteachadh cho-chòrdaidhean eadar-nàiseanta, ach feumaidh an Seanadh an aonta a chur riutha uile.
  • Tha a' Bhun-reachd ag ràdh gur e a' Chòmhdhail a-mhàin a dh'fhaodas cogadh a ghairm, ach tha an Ceann-suidhe na Phrìomh Cheannard air Feachdan nan SA.
Trending Now