Dè na cùisean sòisealta agus eaconamach a tha ro Riaghaltas nan SA?
Tha iomadh ceist shòisealta agus eaconamach ro Riaghaltas nan SA.
Neo-ionannachd
'S e dùthaich chalpachailAnn an dùthaich chalpachail 's ann aig daoine fa leth a tha smachd air a' mhòr-chuid de ghnothachasan 's chan ann aig an riaghaltas. Ann an dùthchannan calpachail, faodaidh daoine aig a bheil gnothachas prothaid a dhèanamh agus fàs beairteach. a tha anns na Stàitean Aonaichte agus tha daoine beairteach agus daoine bochd a' fuireach an sin. Tha mòran Ameireaganaich a' creidsinn anns a' Bhruadar Ameireaganach – beachd gum bu chòir cothrom a bhith aig saoranach sam bith beatha shoirbheachail a bhith aca, ge bith dè an suidheachadh aca. Tha an cothrom air fàs beairteach air fhaicinn gu mòr mar phàirt dhen Bhruadar Ameireaganach, agus tha na mìltean dhaoine ann a dh'fhàs glè bheairteach tro ghnothachas, na meadhanan agus spòrs.
Ach airson gach 'buannaiche' tha fada a bharrachd ann 'nach eil a' coileanadh'. Tha na Stàitean Aonaichte cuideachd na dùthaich le ìre mhòr de bhochdainn. A rèir Biùro Cunntas-sluaigh nan SA, ann an 2022 bha 11.5% dhen t-sluagh (37.9 millean neach) beò ann am bochdainn.
An coimeas ri dùthchannan leasaichte eile, 's e comann-sòisealta gu math neo-ionann a th' anns na SA. A rèir dàta a' Bhuidhinn airson Co-obrachadh Eaconamach agus Leasachadh (Organisation for Economic Co-operation and Development), bha an co-èifeachdair Gini (a bhios a' tomhas an ìre neo-ionannachd teachd-a-steach no neo-ionannachd
taobh a-staigh dùthcha) airson na SA aig 0.375 ann an 2021. An coimeas ri iomadh dùthaich leasaichte eile a bha coltach rithe, mar an RA (0.3555), an Fhraing (0.292) agus Canada (0.28), bha seo na b' àirde.
Tomhas air neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach
Tha iomadh dòigh ann air neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach a thomhas.
Gabhaidh neo-ionannachd eaconamach a thomhas a thaobh teachd-a-steach, ìrean bochdainn agus ìrean obrach/cion-cosnaidh.
Gabhaidh neo-ionannachd shòisealta a thomhas a thaobh eucoir, taigheadas (sealbh, luach), slàinte (dùil-aoise, reatan bàis is msaa) agus coileanadh foghlaim.
Neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach
'S e aon dòigh air coimhead air neo-ionannachd anns na SA coimeas a dhèanamh air diofar bhuidhnean cinnidh – geal, Iospàinnteach, dubh agus Ameireaganaich Àisianach. Tha fianais a' sealltainn nach eil, san fharsaingeachd, buidhnean dubh, Iospàinnteach no Tùsanaich Ameireaga a' dèanamh cho math ri Ameireaganaich gheala no Ameireaganaich Àisianach.
A' mìneachadh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach
Gu cuibheasach, tha teachd-a-steach nas motha aig Ameireaganaich gheala agus Àisianach no tha iad a' cosnadh barrachd gach bliadhna na Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach.
Ìrean teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) a rèir buidheann cinnidh, 2022 (Stòr: Cunntas-sluaigh nan SA)
| Buidheann cinnidh | Teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) |
| Geal | 114,000 |
| Iospàinnteach | 85,210 |
| Dubh | 76,520 |
| Àisianach | 147,700 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) | 114,000 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) | 85,210 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) | 76,520 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Teachd-a-steach cuibheasach sa bhliadhna ($) | 147,700 |
Tha an diofar ann an teachd-a-steach diofar bhuidhnean cinnidh anns na SA air a mhìneachadh gu ìre le diofar ann an cosnadh. Tha mòran Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach ann an cosnadh le pàigheadh ìosal mar còcaireachd agus aoigheachd, àiteachas no giùlan, ach tha Ameireaganaich gheala agus Àisianach nas buailtiche a bhith ann an obraichean proifeiseanta no gnothachais. (Stòr: Biùro Staitistigs Obraichean nan SA)
Le teachd-a-steach nas lugha, tha e nas buailtiche gum bi daoine beò ann am bochdainn. Gu cuibheasach, tha Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach nas buailtiche a bhith beò ann am bochdainn na Ameireaganaich gheala agus Àisianach.
Reatan bochdainn (%) a rèir buidheann cinnidh, 2022
| Buidheann cinnidh | Reat bochdainn (%) |
| Geal | 8.6 |
| Iospàinnteach | 16.9 |
| Dubh | 17.1 |
| Àisianach | 8.6 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Reat bochdainn (%) | 8.6 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Reat bochdainn (%) | 16.9 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Reat bochdainn (%) | 17.1 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Reat bochdainn (%) | 8.6 |
Tha ceudad nas motha, gu cuibheasach, de dh'Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach gun obair na tha de dh'Ameireaganaich gheala agus Àisianach a tha cuideachd ag adhbharachadh barrachd bochdainn.
Reatan cion-cosnaidh (%) a rèir buidheann cinnidh, Dàmh. 2023 (Stòr: Biùro Staitistigean nan SA)
| Buidheann cinnidh | Reat cion-cosnaidh (%) |
| Geal | 3.5 |
| Iospàinnteach | 4.8 |
| Dubh | 5.8 |
| Àisianach | 3.1 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Reat cion-cosnaidh (%) | 3.5 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Reat cion-cosnaidh (%) | 4.8 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Reat cion-cosnaidh (%) | 5.8 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Reat cion-cosnaidh (%) | 3.1 |
Tha reatan bochdainn cuideachd co-cheangailte ri foghlam. Anns a' chuibheas gach bliadhna, tha Ameireaganaich Àisianach agus gheala a' faighinn barrachd theisteanasan foghlaim na Ameireaganaich Iospàinnteach agus dhubha.
Anns na SA, tha diofar mòr ann an eòlasan agus toradh dheuchainnean eadar sgoiltean prìobhaideach agus sgoiltean poblach. Tha sgoilearan ann an sgoiltean prìobhaideach, aig a bheil cìsean mòra glè thric, buailteach a bhith air an teagasg ann an clasaichean nas lugha le barrachd thidsearan agus ghoireasan. Tha barrachd airgid aig barrachd Ameireaganaich Àisianach agus gheala airson a' chlann aca a chur gu sgoiltean prìobhaideach na tha aig Ameireaganaich Iospàinnteach agus dhubha.
Foghlam: Ceuman Maighstir ann an % a rèir buidheann cinnidh, 2022
| Buidheann cinnidh | Ceum Maighstir (%) |
| Geal | 7.0 |
| Iospàinnteach | 3.0 |
| Dubh | 3.0 |
| Àisianach | 34.0 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ceum Maighstir (%) | 7.0 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ceum Maighstir (%) | 3.0 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ceum Maighstir (%) | 3.0 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ceum Maighstir (%) | 34.0 |
Tha neo-ionannachd, gu ìre, a' mìneachadh nan diofaran ann an coileanadh foghlaim eadar na diofar bhuidhnean cinnidh anns na SA. Ach chan e sin an aon adhbhar. Faodaidh cànan a bhith na bhacadh do chuid de chlann agus de dh'òigridh. 'S dòcha gum bi e doirbh do fheadhainn le pàrantan gun Bheurla conaltradh a dhèanamh ri tidsearan no cuideachadh fhaighinn le obair-dachaigh.
Sealbh air dachaigh (%) a rèir buidheann cinnidh, 2022 (Stòr: Roinn an Ionmhais, na SA)
| Buidheann cinnidh | Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh |
| Geal | 75 |
| Iospàinnteach | 48 |
| Dubh | 45 |
| Àisianach | 57 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh | 75 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh | 48 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh | 45 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh | 57 |
Tha sealbh air dachaigh cuideachd co-cheangailte ri teachd-a-steach. Mar as motha a tha daoine a' cosnadh, 's ann as motha an teansa gun tèid aca air an taigh fhèin a cheannach. Anns a' chuibheas, tha Ameireaganaich Àisianach agus gheala nas dòcha an taigh fhèin a cheannach na tha Ameireaganaich Iospàinnteach agus dhubha.
Slàinte: Dùil-aoise cuibheasach a rèir buidheann cinnidh ann am bliadhnaichean (2021)
| Buidheann cinnidh | Dùil-aoise chuibheasach (bliadhnaichean) |
| Geal | 76.4 |
| Iospàinnteach | 77.7 |
| Dubh | 70.8 |
| Àisianach | 83.5 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Dùil-aoise chuibheasach (bliadhnaichean) | 76.4 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Dùil-aoise chuibheasach (bliadhnaichean) | 77.7 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Dùil-aoise chuibheasach (bliadhnaichean) | 70.8 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Dùil-aoise chuibheasach (bliadhnaichean) | 83.5 |
Eucoltach ris an RA, chan eil cùram slàinte nàiseanta a tha an-asgaidh nuair a dh'fheumar e anns na SA. Thathar a' sùileachadh air a' mhòr-chuid de dh'Ameireaganaich gum pàigh iad airson an cùram slàinte fhèin tro àrachas phrìobhaideach. Dhan fheadhainn as urrainn àrachas prìobhaideach a bhith aca, glè thric tha cothrom aca air cuid dhen chùram slàinte as fheàrr air an t-saoghal, ach tha seo uabhasach daor. Mar sin, tha mòran dhaoine ann nach urrainn cùram slàinte prìobhaideach a bhith aca. Tha seo gu h-àraidh fìor mu dhaoine dubha agus Iospàinnteach bhon a tha an teachd-a-steach aca nas lugha anns a' chuibheas.
Eucoir
Glè thric, faodaidh eucoir tachairt air sgàth bochdainn agus cion-obrach. Tha e nas buailtiche gum bi reatan eucoir nas motha ann an sgìrean easbhaidheach anns na SA. Bhon a tha daoine bho mhion-chinnidhean eitnigeach nas buailtiche fuireach anns na sgìrean sin, tha iad nas buailtiche eucoir fhulang.
Tha gach neach anns na SA co-ionann fon lagh agus tha còir aca air èisteachd chothromach. Ach ge-tà, tha mòran ann an Ameireaga ag ràdh nach eil cothrom co-ionann aca bhon a tha luchd-lagha uabhasach cosgail.
A bharrachd air a sin, chan eil peanasan co-ionann. A rèir NAACP'S e buidheann chòraichean catharra anns na SA a tha anns a' Chomann Nàiseanta airson Adhartas Dhaoine le Dath (National Association for the Advancement of Coloured People no NAACP). Chaidh a stèidheachadh ann an 1909, agus tha iad a' feuchainn ri co-ionannachd cinnidh a choileanadh., tha an reat aig a bheil Afraganaich Ameireaganach air an ruagadh, air an dìteadh agus air an cur gu bàs fada nas àirde na tha e airson cinneadh sam bith eile. Tha iad ag ràdh gun robh 35% dhen fheadhainn a chaidh a chur gu bàs fo bhinn a' bhàis anns a' 40 bliadhna mu dheireadh dubh.
Reat prìosain (%) a rèir cinneadh, 2021 (Stòr: Biùro Staitistigean Ceartais nan SA)
| Buidheann cinnidh | Ceudad (%) de dhaoine sa phrìosan anns na SA |
| Geal | 49 |
| Iospàinnteach | 14 |
| Dubh | 35 |
| Àisianach | 2 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ceudad (%) de dhaoine sa phrìosan anns na SA | 49 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ceudad (%) de dhaoine sa phrìosan anns na SA | 14 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ceudad (%) de dhaoine sa phrìosan anns na SA | 35 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ceudad (%) de dhaoine sa phrìosan anns na SA | 2 |
Tha Ameireaganaich gheala a' dèanamh suas mu 57% de dh'àireimh-sluaigh nan SA, Ameireaganaich Iospàinnteach 19%, Ameireaganaich dhubha 13.6% agus Ameireaganaich Àisianach 6.3%. Tha sin a' ciallachadh gur e Ameireaganaich dhubha an aon bhuidheann le ceudad nas motha de dhaoine anns a' phrìosan na an ceudad aca dhen àireimh-sluaigh.