Bancaichean gus dùnadh

  • Air fhoillseachadh
Banca na h-AlbaTùs an deilbh, Getty Images

Dh'innis Buidheann Bhancaireachd Lloyds gu bheil iad a' dol a dhùnadh 60 banca air feadh na Rìoghachd Aonaichte is Banca na h-Alba an Alanais, am Farrais agus an Stromness an Arcaibh nam measg.

Thèid 24 Banca Lloyds, 19 Banca na h-Alba agus 17 Banca Halifax a dhùnadh agus a' chompanaidh ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a' gluasad gu bancadh air-loidhne.

Cailidh 124 neach an cosnadh is na bancaichean gus dùnadh eadar an t-Ògmhìos agus an t-Sultain.

Thuirt an t-aonadh Unite gur e buille uabhasach a tha seo do choimhearsnachdan.

Tha Lloyds air a ràdh gum feuch iad ri obraichean fhaighinn airson an fheadhainn air an toir seo buaidh.

Gluasad

Thuirt a' chompanaidh gu bheil an àireamh de luchd-cleachdaidh a tha air gluasad gu bancadh air-loidhne air a dol suas 12% san dà bhliadhna a dh'fhalbh. Dhaibhsan a tha ga dhèanamh tro app fòn-làimhe tha sin air a dhol suas 27%.

"Dìreach mar a tha a' tachairt do ghnothachasan eile air an àrd-shràid, chan eil uimhir de dhaoine a' tadhal oirnn", thuirt Vim Maru bho Lloyds.

"Tha ar bùthan tron lìonra nan dòigh chudromach a bhith a' cumail taic ri luchd-cleachdaidh ach feumaidh sinn atharrachadh leis mar a tha an àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh ar seirbheisean air-loidhne ag atharrachadh", thuirt e.

Cridhe na Coimhearsnachd

Chan eil an t-aonadh Unite den bheachd gum bu chòir cead a bhith aig a' bhuidhinnn na gearraidhean seo a dhèanamh.

"Nuair a bhios banca a' dùnadh, tha cridhe na coimhearsnachd air a reubadh às agus tha e uabhasach a' bhuaidh a th' aige sin", thuirt oifigear nàiseanta Unite, Caren Evans.

"Tha Unite soilleir ann a bhith ag ràdh nach eil e idir math gu leòr dìreach a bhith a' fàgail inneal ATM an àite banca", thuirt i.

Trending Now