Inbhir Nis is Augsburg aig 70

- Air fhoillseachadh
Tha 70 bliadhna ga chomharrachadh o chaidh baile Inbhir Nis a cheangal ri fear de na bailtean as sine sa Ghearmailt.
Chaidh Augsburg ann am Babhàiria a chàraideachadh le Inbhir Nis ann an 1956 mar phàirt de dh'oidhirp càirdeasan nas dlùithe a thogail eadar coimhearsnachdan eadar-nàiseanta san Roinn Eòrpa an dèidh an Dàrna Cogaidh.
'S ann faisg air deireadh a' chogaidh a thàinig am beachd à baile Choventry ann an Sasainn, a chaidh a sgrios cha mhòr gu lèir le ionnsaighean adhair Ghearmailteach thairis air grunn bhliadhnaichean.
Bha iad airson 's gun cuidicheadh bailtean air feadh na Roinn Eòrpa a bh' air ionnsaighean coltach ris fhulang a chèile ann a bhith a' faighinn seachad air na thachair.
"Tha mi a' creidsinn gun do thòisich an càirdeas eatorra, an 'twinning' ann an 1985," thuirt Crìsdean Stroemsdoerfer, a tha a' fuireach ann an Nuremberg ann am Babhàiria, a tha ceangailte ri Glaschu fon sgeama.
"Mar eisimpleir, tha margaidh Nollaige ainmeil ann an Nürnberg ann gach bliadhna, agus an-còmhnaidh tha bùth ann o Ghlaschu."

'S ann deas air Nuremberg a tha baile Augsburg, cuideachd ann am Babhàiria - tha pàtran an seo, 's dòcha air sgàth gur e gorm is geal na dathan ann am brataichean an dà dhùthaich.
'S e Augsburg fear de na bailtean as sine sa Ghearmailt, 's e air a stèidheachadh leis na Ròmanaich anns an 15mh Linn RC.
Tha e ainmeil, am measg eile, mar an t-àite san deach Rudolf Diesel - am fear a chruthaich an einnsean Diesel - dhan sgoil, agus mar àite-bhreith an sgrìobhadair is bàrd Ghearmailtich Bertolt Brecht.
Anns an dol seachad, b' ann à Augsburg, ann an 1941, a dh'fhalbh an Leas-Führer Rudolf Hess ann an itealan beag Messerschmitt 's e a' dèanamh air Alba.
Thàinig am plèana a-nuas gun smachd ann an Eaglesham, deas air Glaschu.
'S e na bha fa-near dha, gun chead bho Hitler, ach coinneachadh ri Diùc Hamaltan feuch an cogadh air taobh siar na h-Eòrpa a thoirt gu ceann ach an deadh an dà thaobh còmhla an aghaidh nan Sòibhietach.
Cha deach leis. Chaidh a chur an grèim, agus dhasan, bha an cogadh seachad.

Tha 30 bliadhna bho chaidh Gàrradh Augsburg a stèidheachadh ann an Inbhir Nis, eadar a' chathair-eaglais agus Abhainn Nis
Thar nam bliadhnaichean tha an ceangal le Inbhir Nis air buannachdan a thoirt don dà bhaile.
"A h-uile baile mòr an Alba aig a bheil twinning tha iad ceangailte ri bailtean ann am Babhàiria," thuirt an Comh. Ailig Greumach, aig Comhairle na Gàidhealtachd.
"Mar eisimpleir tha Dùn Èideann ceangailte ri Munich agus, Inbhir Nis ceangailte ri Augsburg.
"Tha e an dèidh a bhith gu math buannachdail agus soirbheachail dha gach taobh."

Tha a bhith a' tadhal air a chèile a' toirt bheachdan eadar-dhealaichte dha chèile air mar a dhèiligear ri cuid de dhùbhlain, a rèir a' Chomh Ghreumach.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil cothrom ann faicinn dè tha dùthchannan eile a' dèanamh 's ciamar a tha iad ag obair, chan e a-mhàin ruith na Comhairle agus rianachd ionadail, 's ciamar a tha iad a' coimhead às dèidh ghoireasan is phàircean 's a h-uile càil eile," thuirt e.
"Tha cuimhne agam bliadhnaichean mòra air ais, Sheile NicAoidh a' tighinn air ais bho aon de na tursan gu Augsburg 's cantainn mu dheidhinn an t-siostaim a bh' acasan airson taigheadais dha seann daoine.
"Bha sin gu math fada air thoiseach air an rud a bh' againn ann an Inbhir Nis - agus gu dearbha gu math fada air thoiseach air an rud a th' againn fiù 's anns an là an-diugh ann an Inbhir Nis."
Tha 30 bliadhna fichead on a chaidh Gàrradh Augsburg a stèidheachadh air bruach Abhainn Nis ri taobh na cathair-eaglaise, far a bheil leac a' comharrachadh 40 bliadhna den chàirdeas eadar an dà bhaile.
Tha iomadach turas is tachartas air fàire am-bliadhna eadar Inbhir Nis agus Augsburg, agus coltas ann gu bheil an càirdeas fhathast làidir 70 bliadhna an dèidh dha tòiseachadh.