
Chaidh seirbheis aiseig air slighe a' Chorrain a chur dheth Dihaoine agus gun fhios ann cuine a thilleas i.
'S e an MV Maid of Glencoul a bha gus a bhith a' lìbhrigeadh na seirbheis.
Tha am bà ta-aiseig sin faisg air 50 bliadhna dedh'aois, agus nas lugha na an MV Corran.
Bha Comhairle na Gà idhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, air rabhadh a thoirt do luchd-siubhail mar-thà a bhith mothachail gun robh bacaidhean cuideim an sà s.
Chaidh an MV Corran gu doc airson na seirbheis bliadhnail aice sa Gheamhradh agus cha do thill i fhathast.
Thuirt a' Chomhairle gun robh pà irt ùr a dhìth air an MV Corran agus nach robh iad air sin fhaighinn fhathast.
Dhearbh iad dhan BhBC nach robh ceann-là aca fhathast airson cuin a bhiodh an MV Corran air ais ann an seirbheis.