Naidheachdan 10:00m
An Ungair
Chaidh prìomhaire na h-Ungaire, Viktor Órbán, a chur à cumhachd ann an taghadh choitcheann an dèidh sia bliadhna deug. Bidh sà r-mhòr-chuid aig partaidh Tisza, fon phrìomhaire ùr Peter Magyar, a tha a' taobhadh barrachd leis an EU na tha Mgr Orbán ged nach eil e buileach air an aon rà mh riutha. Tha Mgr Órbán air a bhith a' trod ris a' Bhruiseil mu ghrunn phoileasaidhean Eòrpach o chionn bhliadhnaichean, agus e air a bhith bà idheil ri Vladimir Putin.
Iran
Tha prìs na h-ola air èirigh gu mòr an dèidh mar a thà inig còmhraidhean eadar Washington agus Tehran gu ceann gun aonta, agus Aimeireaga air innse gu bheil iad a' bacadh phort Irà inianach air Caolas Hormuz. Tha prìs baraille de Bhrent Crude air èirigh còrr air 7% gu $102. Tha Iran air rabhadh a thoirt gun tèid dèiligeadh gu là idir ri soithichean armaichte sam bith a sheòlas a dh'ionnsaigh Chaolas Hormuz, 's iad ag rà dh gu bheil na tha Washington an dùil a dhèanamh mì-laghail, agus gur e "spùinneadaireachd" a th' ann.
Tuathanaich
Tha Aonadh Nà iseanta nan Tuathanach ag iarraidh gun tèid prìomhachas a thoirt do thuathanaich air connadh, agus tuilleadh taice a thoirt dhaibh airson biadh a dhèanamh fhad 's a leanas an cogadh san Ear-Mheadhanach. Tha NFU na h-Alba ag rà dh gu bheil an suidheachadh a' cur thuathanasan ann an cunnart, agus gun cuir e cosgaisean bìdh suas, le cuid de thuathanaich an dùil gearradh air ais air na bhios iad a' dèanamh ri linn na tha e a' cosg. Tha mar a tha malairt ola ga tachdadh ann an Caolas Hormuz air cosgaisean gach cuid connadh agus todhair ghallta a chur suas gu mòr aig à m cur an Earraich.
Margaidh Shingilte an EU
Tha Sir Keir Starmer ag ullachadh lagh a leigeas leis an Riaghaltas riaghailtean margaidh shingilte an Aonaidh Eòrpaich a thoirt a-steach gun bhòt a bhith ga cumail sa Phà rlamaid. Tha seo mar phà irt de bhile a tha ag amas air riaghailtean Bhreatainn a dhèanamh co-ionnan ri riaghailtean ùra Eòrpach air leithid inbhean bìdh 's an Riaghaltas ag rà dh gun lùghdaich sin prìsean. Tha na Tòraidhean agus Reform air gearan là idir a thogail na aghaidh ge-tà , ag rà dh gu bheil e "a' trèigsinn toradh referendum Bhrexit".
Sealladh Hiort
Tha planaichean airson ionad mu eachdraidh agus dualchas Hiort ann an Uibhist a Tuath, Sealladh Hiort, gan cur a dhà rna taobh. Tha an fheadhainn air cùlaibh nam planaichean ag rà dh nach tèid am pròiseact sin air adhart an-drà sta, le Brexit agus cor an t-saoghail san fharsainneachd air cosgaisean a phutadh suas agus a dhèanamh ro chaochlaideach.
MV Loch Seaforth
Agus tha dùil ri fios anns na mionaidean a tha air thoiseach oirnn co-dhiù seòl an MV Loch Seaforth à Steòrnabhagh an-diugh aig 2:00f. Tha i air a bhith ga cà radh agus trioblaid air rampa a' chinn-toisich aice. Chaidh seòladh an-diugh sa mhadainn à Steòrnabhagh a chur dheth, agus cha sheòl i mar sin à Ullapul aig 10:30m.