Naidheachdan 11:00m

Sir Jim Ratcliffe

Thuirt am Prìomhaire gum feum fear-gnothaich cho beartach 's a tha am Breatainn, Sir Jim Ratcliffe, leisgeul a thabhann airson a bheachdan air inimreachas. Thuirt Sir Jim, aig a bheil co-phàirt ann am Manchester United, gu bheil inimreachas air fàs gu ìre 's gu bheil e a' cosg cus dhan dùthaich. Ann an agallamh le Sky News thuirt e nach eil Sir Keir Starmer deònach rudan doirbh a dhèanamh airson sin a chur ceart. Thuirt am Prìomhaire gu bheil na briathran sin leamh agus ceàrr.

An Eaconomaidh

Bha fàs 0.1% san eaconomaidh sna trì mìosan gu deireadh na Dùbhlachd, a' fàgail fàs 1.3% ann fad na bliadhna an-uiridh. Cha robh fàs idir ann an roinn nan seirbheisean sna trì mìosan mu dheireadh, agus bha crìonadh ann an gnothachas proifeiseanta agus saidheansail. Ach bha fàs ann an tionnsgalachd.

Buidseat na h-Alba

Thèid bhòtadh airson a' chiad uair an-diugh air molaidhean buidseit Riaghaltas na h-Alba. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, gun toir e piseach air an NHS 's gun dèan e cuideachadh le cosgaisean bith-beò.

Ionnsaigh Sgeine

Tha gille, 13 bliadhna de dh'aois, fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt an dèidh ionnsaigh sgeine air dithis bhalach eile, 12 agus 13 bliadhna de dh'aois, aig Àrd-Sgoil Kingsbury ann an sgìre Brent ann an ceann an iar-thuath Lunnainn Dimàirt. Tha an dithis sin ann an suidheachadh seasmhach san ospadal.

Casaid oidhirp air murt

Thèid fear a tha 31 bhliadhna de dh'aois mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Èideann an-diugh fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt. Chaidh an duine a chur an grèim an dèidh tachartas ann an sgìre Lochend anns a' bhaile oidhche Mhàirt anns an do bhuail càr nach do stad ann am fireannach 36 bliadhna de dh'aois.

Casg

Chaidh casg o Gheamaichean Oilimpigeach a' Gheamhraidh air an Ucràinianach, Vladyslav Heraskevych, airson clogaid a chleachdadh air a bheil dealbhan de lùth-chleasaichean às an dùthaich sin a chaill am beatha sa chogadh an aghaidh na Ruis. Tha an sgioba Ucràinianach am beachd ath-thagradh a dhèanamh ris a' Chùirt airson Eadar-Mheadhanachd ann an Spòrs.

Trending Now