Naidheachdan 11:00m

Labour Together

Coimheadaidh Oifis a' Chaibineit ri aithrisean gun do phàigh am buidheann-breithneachaidh Labour Together airson rannsachadh air luchd-naidheachd a bha a' sgrùdadh a chuid maoineachaidh. Thuirt am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, gun deadh coimhead ris a' chùis, an dèidh dhan BhBC fiosrachadh fhaighinn gun do choimhead an sgrùdadh - a rinn companaidh lobaidh Aimeireaganach - ri beachdan Iùdhach fear den luchd-naidheachd 's cuid de na bha e a' sgrìobhadh.

Gràin an aghaidh bhoireannach

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh iomairt ùir an-diugh an aghaidh fuath-bhan. Bidh iad ga ruith feadh grunn mheadhanan, a' comhairleachadh do bhalaich gun fuath an aghaidh bhoireannach a sgaoileadh air-loidhne. Tha am Prìomh Mhinistear John Swinney ag ràdh gu bheil e na dhragh mar a tha balaich agus daoine òga a' tighinn tarsainn air a leithid sin de stuth air-loidhne fiù 's ged nach biodh iad ga lorg.

Fòram nan Eilean

Tha comhairlean eileanach an Alba air a bhith a' càineadh co-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às do dh'Fhòram nan Eilean. Stèidhich an riaghaltas Tòraidheach am fòram ann an 2022 airson 's gun ionnsaicheadh coimhearsnachdan eileanach is ministearan bho chàch a chèile, 's choinnich e ceithir tursan bhon uairsin. Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steel, gun robh am fòram air a bhith feumail agus gun robh cruaidh-fheum air an leithid.

Gunnaichean nam poileas

Tha Caidreachas nam Poileas an Alba ag iarraidh gum biodh a h-uile càr poilis a' giùlain ghunnaichean. Seo a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan oifigeraran poilis mar nàdar de dh'aonadh-chiùird. Bhiodh e comasach do phoilis na gunnaichean a chleachdadh ann an suidheachadh far an robh beatha ann an cunnart.

Ionnsaigh cheannairc Tràigh Bhondi

Nochd fireannach anns a' chùirt airson a' chiad uair an lùib chasaidean gun do mhuirt e 15 daoine aig fèis Iùdhach air Tràigh Bhondi an Astràilia. Tha Naveed Akram fo chasaid gun do loisg e air sluagh a bha a' comharrachadh fèill Hannukah ann an Sydney, còmhla ri athair Sajid. Mharbh na Poilis Sajid Akram aig an àm.

Bancaichean

Sgrìobh ball-pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu buidheann bancaidh Lloyds, a' gearan mun cho-dhùnadh meur Banca na h-Alba ann am Beinn na Faoghla a dhùnadh. Tha e fhèin agus buill-phàrlamaid eile air sgrìobhadh le dragh mu 11 de bhancaichean a tha gan dùnadh ann an diofar sgìrean. Ach thuirt an Dr Allan nach robh e a' smaoineachadh gun robh tuigse aig Lloyds air suidheachadh Uibhist 's nach fhada a gheibheadh cuid de dh'eileanaich gu banca ach le a dhol air bàt-aiseig. Thuirt Lloyds gum bi cothrom aig daoine air bancadh air-loidhne agus gun gabh Oifis a' Phuist cleachdadh gu h-ionadail airson cuid de rudan.

Trending Now