Naidheachdan 11:00m
An Ucrà in
Thuirt an Kremlin gun do dh'aontaich Vladimir Putin sguir den ionnsaigh air an Ucrà in gu Là na Sà baid, an aon là ris a bheil dùil ri còmhraidhean sìthe ann an Abu Dhabi. Thuirt fear-labhairt ann am Mosgo gun do ghabh Mgr Putin ri sin oir gun do dh'iarr an Ceann-suidhe Trump air gu pearsanta.
Sìona
Thuirt Dòmhnall Trump gum faodadh cà irdeas nas dlùithe air Sìona a bhith fìor chunnartach dhan Rìoghachd Aonaichte. Bha esan a' bruidhinn air na chaidh aontachadh an-dè air turas a' Phrìomhaire, Sir Keir Starmer, a th' ann an Sìona. Thuirt Srà id Downing gun robh là n-fhios aig Washington ro-là imh mu thuras a' Phrìomhaire agus gu bheil dùil ri Mgr Trump e fhèin ann an Sìona sa Ghiblean.
Am Morair Wallace
Tha brataich aig leth-chrann os cionn na Pà rlamaid ann an Dùn Èideann an-diugh an dèidh bàs a' Mhorair Jim Wallace, a' chiad Leas-Phrìomh Mhinistear riamh ann an Alba. Chaochail e an-dè goirid an dèidh fàs tinn an dèidh obair-lannsa ann an Taigh-eiridinn Rìoghail Dhùn Èideann. Bha e 71.
Iran
Thuirt an Ceann-suidhe Trump ma tha Iran airson ionnsaigh armailte Aimeireaganach a sheachnadh gum feum iad dà rud a dhèanamh: sin cùl a chur rim prògram niùclasach agus sguir a mharbhadh luchd-togail fianais. Thuirt Mgr Trump nach eil e ag iarraidh na bà taichean cogaidh Aimeireaganach a tha a' seòladh gu ruige Iran an-drà sta a chur gu feum.
Connadh
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi cairteal a' mhillean Albannach eile a' pà igheadh £150 nas lugha air connadh dachaigh air a' gheamhradh seo tighinn. Tha an Riaghaltas a' cur £92m ri sgeama nan Dachaighean Blà th airson an ath chòig bliadhna. Ach thig air cuid aig a bheil dachaigh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad ro dheireadh a' Ghearrain airson à ite san sgeama air a' gheamhradh seo tighinn.
Am Baile Sear
Tha muinntir a' Bhaile Shear tà mailteach nach deach pà irt den airgead airson rathaidean Uibhist a chur ri leasachadh air cabhsair an eilein. Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £20m bho chionn ghoirid bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson ùrachadh sa choimhearsnachd agus thèid faisg air an dà rna leth dheth sin a chosg air rathaidean agus cabhsairean Uibhist, ach chan eil cabhsair a' Bhaile Shear nam measg.