Naidheachdan 11:00m
Tancair
Dh'innis fear-lagha gun tug na Stà itean Aonaichte sgiobair agus ciad oifigeach tancair Ruiseanaich a tha an greim aca far chladach Mhoireibh a-mach à uisgeachan Bhreatainn. Rinn na h-Aimeireaganaich greim air an tancair, am Marinera, deas air Innis Tìle bho chionn cola-deug, agus tha i air acair an-drà sta faisg air a' Bhroch. Dh'innis am fear-lagha Amar Anwar, às leth bean an sgiobair gun deach an cuir air bà ta Aimeireaganach trà th sa mhadainn an-diugh.
Stoirm
Tha Stoirm Chandra a' toirt buaidh mhòir air mòran den Rìoghachd Aonaichte le rathaidean dùinte le tuiltean agus le sneachda an ceann a tuath Shasainn. Tha còrr is 300 sgoil ann an Èirinn a Tuath dùinte 's tha neart na gaoithe a' toirt buaidh air a' mhòr-chuid de sheirbheisean aiseig costa an iar na h-Alba.
Minneapolis
Dh'innis Mèar Mhinneapolis, an Deamocratach Jacob Frey, gum bi na h-uimhir de na h-oifigich inimreachais fheadaralach a' fà gail a' bhaile, an dèidh dhasan bruidhinn ris a' Cheann-Suidhe Trump mun chùis. Tha aramach mhòr anns an sgìre on a mharbh oifigeach inimreachais an nurs Alex Pretti anns a' bhaile Disathairne.
Foghlam tro Mheadhan na GÃ idhlig
Tha luchd-sgrùdaidh nan sgoiltean ag iarraidh leasachadh san aithghearrachd air Foghlam tro Mheadhan na Gà idhlig, gu h-à raidh aig ìre na h-à rd-sgoile. Tha an aithisg stèidhte air sgrùdadh air faisg air 60 sgoil-à raich, bun-sgoil agus à rd-sgoil air feadh Alba. Tha aithisg an HMI a' togail dragh mu chion luchd-obrach, dìth leantainneachd sa churraicealam agus mu cho beag 's a tha an à ireamh sgoilearan a tha a' taghadh Gà idhlig san à rd-sgoil.
Ceadan-drà ibhidh
Bidh drà ibhearan ùra ann an Èirinn a Tuath air a' chiad fheadhainn anns an Rìoghachd Aonaichte dhan tèid cead-drà ibhidh a thoirt mean air mhean. Bidh na riaghailtean ùra, ag amas air nas lugha thubaistean anns a bheil drà ibhearan òga, a' tòiseachadh san Dà mhair am-bliadhna. Tha Astrà ilia agus na Stà itean Aonaichte am measg nan dùthchannan anns a bheil lagh den aon sheòrsa mar thà .
Aonta Malairt
Rà inig an t-Aonadh Eòrpach agus na h-Ìnnseachan aonta malairt ùr an dèidh fad fichead bliadhna de chòmhraidhean. Tha gearraidhean taraif am measg na th' anns an aonta a dh'fhosglas sgìre mhargaidh ùr de chòrr is 2bn duine.