Naidheachdan 11:00m

Canada

Chaill naoinear am beatha 's chaidh 25 duine a ghoirteachadh ann an ionnsaigh ghunna cho dona 's a bha riamh an Canada. Tha na meadhanan an sin ag ràdh gur e boireannach a rinn an ionnsaigh aig sgoil agus aig dachaigh faisg air làimh ann am British Columbia agus gun d' fhuaireas ise marbh aig an sgoil.

Gràin-Iùdhach

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, gu bheil an Riaghaltas a' cur na suime-airgid as motha riamh ri tèarainteachd aig eaglaisean, sgoiltean agus ionadan choimhearsnachdan Iùdhach. Tha sin an dèidh aithisg a thuirt gun robh 3,700 tachartas anns an robh gràin-Iùdhach ann am Breatainn an-uiridh. Sin an dàrna cunntas bliadhnail as motha bho 2023 - a' bhliadhna air an tug Hamas ionnsaigh air Israel air an t-7mh là den Dàmhair.

Epstein

Tha pàipear air ùr-fhoillseachadh às na faidhlichean mu Jeffrey Epstein a' cumail a-mach gun do dh'innis Dòmhnal Trump bho chionn 20 bliadhna do cheannard phoilis ann am Florida gum b' aithne dhan a h-uile duine mu dhol-a-mach an drabastair-chloinne. Thuirt oifigeach ann an Roinn a' Cheartais nach eil dearbhadh sam bith ann gun robh leithid de chòmhradh riamh ann. Bha an Ceann-Suidhe ag ràdh ron seo nach b' aithne dha dad mu eucoirean Epstein.

Stòras Uibhist

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gur e fìor adhbhar dhragh a th' anns a' bhuaireadh aig an uachdaran choimhearsnachd Stòras Uibhist, agus dh'iarr e air buill a' bhùird-stiùiridh tighinn còmhla airson slighe air adhart aontachadh. Ach dh'innis Cathraiche Stòras Uibhist dhan BhBC nach gabh e ri fiathachadh bho South Uist Renewables Energy, pàirt den Urras, gu coinneimh èiginnich.

An Tairbeart

Tha dùil gun toir Comhairle nan Eilean Siar cead-dealbhachaidh an-diugh do phlana airson 46 taigh os cionn Rathad Scott air an Tairbeart. Tha Tighean Innse Gall airson 24 taigh a thogail sa chiad earrainn, agus 22 eile air a' cheann thall. Chuir Taigh-Staile na Hearadh an aghaidh a' phlana leis gu bheil dragh orra mu thruailleadh anns an loch às a bheil iad a' toirt an uisge.

  • Earrann
  • Air fhoillseachadh
Trending Now