Naidheachdan 10:00m

Peadar Mandelson

Thèid toirt air ministearan, oifigich agus luchd-comhairleachaidh a h-uile teachdaireachd eadar iad agus am Morair Mandelson a thoirt seachad mar phàirt de dh'fhoillseachadh fianais co-cheangailte ri mar a chaidh a chur an dreuchd mar thosgaire Bhreatainn dha na Stàitean Aonaichte. Tha seo a' toirt a-steach teachdaireachdan sam bith a chaidh a chur bho bhuannaich na Làbaraich an taghadh ann an 2024. Tha Sir Keir Starmer fo ìmpidh an dèidh mar a dh'aidich e gun robh fhios aige gun robh am Morair Mandelson fhathast na charaid aig Jeffrey Epstein fiù 's an dèidh dhan ionmhasair Aimeireaganach a bhith air a dhìteadh airson eucoirean feiseil.

Iran

Thòisich còmhraidhean ann an Oman eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran. Tha Washington ag amas air casg a chur air prògram niuclasach Iran, agus an Ceann-Suidhe Trump air maoidheadh uair is uair gun cuir e feachdan Aimeireaganach an sàs mura faighear fuasgladh dioplòmasach. Thuirt Iran nach eil iad deònach idir bruidhinn mu chomasan dìon urchair na dùthcha.

Gearasdan nan Camshronach

Thuirt dithis de bhuill-phàrlamaid Albannach na Gàidhealtachd gur dòcha nach bi cead-dealbhachaidh aig Riaghaltas Bhreatainn airson 300 imriche fireann a chur a dh'fhuireach ann an Gearasdan nan Camshronach ann an Inbhir Nis. Chaidh an t-ionad-airm ainmeachadh a thuilleadh air Campa Crowborough ann an Sussex airson a' phlana. Thuirt an neo-eisimeileach Fearghas Ewing agus an Tòraidheach Èideard Mountain gur dòcha nach eil an riaghaltas mothachail gu bheil casg-ùine sia mìosan air cead-dealbhachadh èiginneach fo lagh na h-Alba. Tha dùil fon phlana gum bi na daoine a' fuireach ann fad bliadhna. Tha an dithis a' cur an aghaidh a' phlana. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach d' fhuair iad iarrtas airson cead HMO bho Riaghaltas Bhreatainn - rud a bhiodh a dhìth. Thuirt ministearan gu bheil iad ag obair gus cabhag a chur anns a' phlana.

Imrichean Mì-laghail

Tha Poblachd Dheamocratach a' Chongo air aontachadh gun toir iad eucoirich agus imrichean mì-laghail air ais on Rìoghachd Aonaichte. Mhaoidh Riaghaltas Bhreatainn gun sguireadh iad de bhìosathan a cheadachadh do mhuinntir an DRC mura co-obraicheadh riaghaltas na dùthcha. Chaidh an aon teachdaireachd a thoirt do Namibia agus Angola, agus dh'aontaich iadsan co-obrachadh san Dùbhlachd.

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, gun dèan i "na tha a dhìth" airson crìochan Bhreatainn a dhèanamh tèarainnte.

Aig a' cheart àm thuirt Oifis na dùthcha gun deach cha mhòr 60,000 luchd-imrich mì-laghail agus eucoirich chèin a chur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte bho chaidh an taghadh a chumail ann an 2024. Thuirt iad gun do chuir an riaghaltas 15,000 a-mach - sin àrdachadh 45% air na 19 mìosan ron sin - agus gun do dh'fhalbh 43,000 le an toil fhèin an dèidh fios a chur orra gun robh iad an seo gu mì-laghail.

Trending Now