Naidheachdan 11:00m
Andy Burnham
Tha Sir Keir Starmer air a bhith a' dìon co-dhùnadh an là an-dè bho Chomataidh Nà iseanta a' Phartaidh Là baraich cead a dhiùltadh do dh'Andy Burnham seasamh airson na Pà rlamaid. Bha Mèar Mhanchester ag iarraidh seasamh ann am fo-thaghadh ann am Mòr-sgìre Mhanchester, ach cho-dhùin a' chomataidh gum biodh e ro chosgail taghadh eile a chumail airson mèar a dheadh na à ite. Tha tòrr bruidhinn air a bhith ann gun seasadh Mgr Burnham an aghaidh Sir Keir airson ceannas a' phartaidh.
Rannsachadh Tubaist Bhà smhoir
Tha rannsachadh tubaist-bhà smhoir air tòiseachadh madainn an-diugh mu thubaist-rèile anns an deach triùir fhireannach a mharbhadh faisg air Stonehaven ann an 2020. Chaidh an trèana eadar Obar Dheathain agus Glaschu far na rèile aig Carmont, an dèidh bualadh ann am maoim-slèibhe. Chaidh an drà ibhear, an conductor agus fear den luchd-siubhail a mharbhadh. Tha dùil gum mair an rannsachadh ann an Obar Dheathain trì no ceithir seachdainnean.
Luchd-ealain
Tha Rùnaire Cultair na h-Alba, Aonghas Robasdan, ag rà dh gu bheil e a' coimhead ri sgeama bun-teachd-a-steach do dhaoine a tha ag obair anns na h-ealain. Chuireadh sgeama den t-seòrsa air chois ann an Èirinn, far a bheil an Stà it a' pà igheadh €1,300 anns a' mhìos do dhaoine. Tha luchd-ealain ann an Alba den bheachd gu bheil rudeigin den t-seòrsa a dhìth an seo oir gu bheil obair cultair ann a Alba aig "crois-rathaidean".
Seirbheisean Bus
Tha Comhairle na Gà idhealtachd a' coimhead ri dòighean air seirbheis bus a chumail ri sgìrean de dh'Inbhir Nis anns a bheil a' chompanaidh Stagecoach gan gearradh. Tha e a' bualadh air Dail an Eich, Dreigidh, Cùil Daothail agus Baile Mhuilinn an Lèigheis. Thuirt Stagecoach gu bheil iad a' lùghdachadh sheirbheisean air sgà th 's nach eil gu leòr gan cleachdadh, dìth dhrà ibhearan 's gun do chaill iad cùmhnantan bhon Chomhairle.
Taighean-seinnse
Chì taighean-seinnse ann an Alba à rdachadh còrr air £36,000 sa choitcheannas ann an reataichean gnothachais thairis air trì bliadhna a rèir à ireamhan ùra bho UK Hospitality Scotland. Tha a' bhuidheann gnìomhachais ag rà dh gu bheil na reataichean bonntaichte air teachd-a-steach 's gu bheil aig na taighean-seinnse ri prìsean a chur an-à irde airson dèiligeadh le cosgaisean mòra, 's le sin thèid na reataichean a dh'fheumas iad a phà igheadh an-à irde.