Naidheachdan 11:00m

An Lebanon

Tha ball de chaibineat tèarainteachd Israel a' cumail a-mach gum bi còmhradh ann eadar am prìomhaire aca, Benjamin Netanyahu, agus Ceann-Suidhe na Lebanon an-diugh fhathast. Tha sin ged a thuirt oifigeach ann an Riaghaltas na Lebanon nach b' aithne dhaibhsan mu leithid a bhith air fàire. Tha an Lebanon air a bhith ag iarraidh air Israel stad de na h-ionnsaighean aca air an dùthaich san deach na ceudan mòra a mharbhadh 's Israel ag amas air a' bhuidhinn Hezbollah. An-diugh, thuirt meadhanan na stàite san Lebanon gun robh an drochaid-rathaid mu dheireadh a bha a' ceangal cheann a deas na dùthcha ris a' chòrr air a spreadhadh le Isreal. Tha aithrisean ann gu bheil Israel a' tighinn fo ìmpidh leis na Stàitean Aonaichte gus cuideachadh le còmhraidhean sìthe le Iran.

Gainnead

Tha ceannard Tesco air a dhol às àicheadh gu bheil dragh orrasan nach bi leithid feòil circe no feòil na muice cho pailt anns an Rìoghachd Aonaichte ma leanas an cogadh anns an Ear-Mheadhanach cus nas fhaide tuilleadh. Thuirt Ken Murphy nach robh e a' dol le rabhadh bho Chaidreachas a' Bhìdhe 's na Dibhe gur dòcha gum biodh prìsean bìdh ag èirigh 10% ro dheireadh na bliadhna. Bha sgrùdadh a rinneadh às leth an Riaghaltais air dragh a thogail gum biodh dùnadh fada air Caolas Hormuz a' fàgail gainnead le leithid càrbon-dà-ocasaid a tha ga chleachdadh airson cuid de bheathaichean a spadadh.

Foill Inimricheis

Thuirt fear de mhinistearan Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte, Peter Kyle, nach gabhadh iad idir ri daoine a bhiodh a' feuchainn ri brath a ghabhail air siostam in-imreachais na dùthcha. Bha e a' bruidhinn 's rannsachadh leis a' BhBC a' nochdadh gu bheil cuid de dhaoine air a bhith a' toirt a chreids' gun robh iad air droch dhìol anns an dachaigh fhulang mar dhòigh air cead fhaighinn fuireach anns an dùthaich seo. An-dè bha fianais air nochdadh de luchd-lagha a' toirt comhairle dha luchd-siridh comraich air mar a bheireadh a chreids' gun robh iad gèidh airson an cuideachadh.

Eaconomaidh Bhreatainn

Thàinig fàs a bharrachd na bha dùil air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte air a' mhìos a dh'fhalbh, chun a' Ghearrain co-dhiù, sin a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta an-diugh. B;' e siud an ìre fàis a bu luaithe a bh' ann fad còrr is dà bhliadhna, agus bha an ìre fàis airson an Fhaoillich cuideachd air a cur suas leotha. Ach tha seo a' gabhail a-steach ùine mus do thòisich an cogadh an aghaidh Iran.

An Ucràin

Chaidh co-dhiù 16 duine a mharbhadh anns an Ucràin ann an ionnsaighean Ruiseanach tron oidhche. Bha port Odesa am measg nan sgìrean a bu mhiosa air an deach ionnsaigh a thoirt. Tha balach 12 bliadhna de dh'aois am measg na chaidh a mharbhadh.

Manach

Thuirt Easbaig Obar Dheathain, Ùisdean Gilbert, gu bheileas a' gabhail ris a-nis gun do bhàsaich manach a chaidh a dhìth à eilean Papa Stronsay ann an Arcaibh. Bha iomairt mhòr a' dol airson Justin Evans a lorg às dèidh dha a dhol a dhìth oidhche Shathairne. Thuirt an t-Easbaig ann am brath-naidheachd gur e "suidheachadh duilich dha-rìribh" a bha seo.

Trending Now