Naidheachdan 11:00m
Iran
Thuirt Iran gun do loisg iad tuilleadh urchairean agus drònaichean air feadh an Ear-Mheadhanaich a dh'aindeoin 's gu bheil na Stà itean Aonaichte a' cumail a-mach gun robh còmhraidhean sìthe ann. Thuirt Israel gun do bhuail iad dà là rach urchairean cruise ann an Tehran.
An atmhorachd
Dh'fhuirich ìre na h-atmhorachd aig 3% sa Ghearran. Ach tha na figearan airson na mìos mus do thòisich an cogadh san Ear-Mheadhanach air prìs na h-ola agus connadh a chur suas gu mòr.
Teine
Tha dithis an greim fo amharas gun do chuir iad teine ri ceithir ambaileansan a bhoineadh do charthanas Iùdhach ann an ceann a tuath Lunnain Diluain. Thuirt Poilis a' Mhet gu bheil dithis fhear, 45 agus 47, an greim aca.
Meningitis
Dh'aidich Ospadal Ealasaid Mà thair na Banrigh ann am Margate ann an Kent gun do dh'fhuirich iad dà là mas tug iad aire do chùis meningitis mus do sgap an galair san sgìre. Tha dleasdanas laghail ann cùisean a thoirt am follais taobh a-staigh 24 uairean.
PÃ rlamaid na h-Alba
Bidh luaidh aig Holyrood an-diugh air na buill-phà rlamaid a tha a' seasamh sìos aig an taghadh seo. Tha an treas cuid de na buill a th' ann an-drà sta a' falbh agus sgaoilidh a' phà rlamaid ron taghadh air an t-seachdamh là den Chèitean.
IFB Earra-Ghà idheal
Thèid beachdachadh air buidseat Bòrd Amalaichte Caidreachas Slà inte 's Cùram Sòisealta Earra-Ghà idheil 's Bhòid an-diugh. Ged nach tèid na gearraidhean as connspaidiche air an robh iad a' coimhead air adhart, tha rabhadh ann nach eil iad ann an suidheachadh seasmhach fhathast.