Naidheachdan 11:00m
A' Ghraonlainn
Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Yvette Cooper, gu bheil Nato ag obair air siostam faire san Artaig airson tèarainteachd na Graonnlainn le coltas nach eil an Ceann-Suidhe Trump cho daingeann na bheachd 's a bha e smachd a ghabhail air an eilean. An dèidh chòmhraidhean ann an Davos an-dè le Àrd-Rùnaire Nato, Mark Rutte, thuirt Mgr Trump gu bheil bun-stèidh ann airson aonta a choileanas na tha esan ag iarraidh. Thuirt Prìomh Mhinistear na Danmhairg, Mette Frederiksen, gum feum iad spèis a thoirt do chòraichean tìre na dùthcha aicese agus na Graonnlainn.
Bòrd-Sìthe
Cha ghabh an Rìoghachd Aonaichte pà irt ann an seuladh Bòrd-Sìthe a' Chinn-Suidhe Trump an-diugh. Thuirt an Rùnaire Cèin, Yvette Cooper, a th' ann an Davos gu bheil an Riaghaltas an-fhoiseil mu rud sam biodh pà irt aig a' Cheann-Suidhe Putin.
Maoim-slèibhe
Chaill dithis co-dhiù am beatha ann am maoim-slèibhe ann an New Zealand an-dèidh uisge trom san Eilean mu Thuath. Agus tha clann am measg na h-uimhir de dhaoine a tha a dhìth an dèidh maoim-slèibhe eile aig là rach-campa faisg air Mount Maunganui.
Na Meadhanan-sòisealta
Chuir Taigh nam Morairean taic ris a' ghluasad gu casg bho na meadhan-sòisealta air òigridh fo 16 bliadhna de dh'aois. Tha dùil gum feuch an Riaghaltas ri cur às don mholadh sin sna Cumantan fhad 's a tha iad a' dèanamh co-chonaltraidh air a' chùis.
SÃ rachadh Feiseil
Tha còrr 's 80% de bhoireannaich ann an ceòl traidiseanta na h-Alba ag rà dh gun do dh'fhuiling iad ionnsaigh neo sà rachadh feiseil a rèir rannsachaidh ùir bho Oilthigh Ghlaschu. Thuirt luchd-sgrùdaidh gum feum an gnìomhachas barrachd a dhèanamh mu chòraichean agus sà bhailteachd a h-uile duine a tha an sàs ann.