Naidheachdan 11:00m
An Loch Seaforth
Tha am bà ta-aiseag an Glen Sannox air a slighe gu tuath a chuideachadh a' dèiligeadh le na tha de thrafaig air eireadh air slighe Steòrnabhaigh seach mar a tha an Loch Seaforth briste. Tha dùil ri fios bho Chal Mac an ceann leth-uair a thìde no mar sin an tèid seòladh dà uair à Steòrnabhagh an-diugh air adhart no nach tèid. Bha iad air a rà dh ron seo gun innseadh iad aig aon uair deug, ach tha iad a-nis ag rà dh gum bi e leth-uair.
Buidheann-mara an UN
Thuirt buidheann-mara nan Dùthchannan Aonaichte nach eil còir aig dùthaich sam bith stad a chur air soithichean ann an caolasan a thathas a' cleachdadh airson loingeas eadar-nà iseanta. Tha na Stà itean Aonaichte an-drà sta a' dèanamh blocèid air soithichean bho phuirt Irà nianach Caolas Hormuz a chleachdadh. Bha Iran roimhe air soithichean à diofar dhùthchannan a chasg às a' Chaolas.
Manifesto nan Uaineach
Dh'fhoillsich Pà rtaidh Uaine na h-Alba am manifesto aca airson an taghaidh. Thuirt co-cheannard a' phà rtaidh, Gillian NicAoidh, gu bheil iad a' cur fòcas air dèiligeadh le cosgaisean bith-beò. Tha iad cuideachd a' gealltainn an leasachadh as motha air cùram-chloinne an-asgaidh airson ginealach - tha iad a' cur air adhart còrr air 1,100 uair a thìde do gach leanabh aig dà bhliadhna a dh'aois.
Teine an Obair Dheathain
Tha luchd-smà laidh air a bhith ag obair bho an-raoir a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine ann an seann togalach ospadail ann an Obar-Dheathain. Chaidh an gairm gu Ospadal Woodend dìreach ro dheich uairean an-raoir. Tha NHS Roinn a' Mhonaidh ag rà dh gu bheil seirbheisean a' ruith mar as à bhaist 's gum bu chòir do dhaoine aig a bheil à m-coinneimh an-diugh aig an ospadal a dhol ann.
Cainb
Bidh fireannach anns a' chùirt an-diugh co-cheangailte ri mar a chaidh cainb luach £800,000 fhaighinn a' fàs ann an Tòm an t-Sabhail. Fhuair na poilis an druga ann an togalach air a' Phrìomh Shrà id, 's chaidh fireannach, 26 bliadhna a dh' aois, a chur fo chasaid.
BÃ s Moya Brennan
Bhà saich an seinneadair Moya Brennan, a bh'anns a' chòmhlan ainmeil Clannad. Bha i 73. Bha an t-òran aca Harry's Game air leth ainmeil anns na h-ochdadan, 's chaidh a chleachdadh mar cheòl airson nam prògraman telebhisean dhen aon ainm.