Naidheachdan 12:00f

Stèisean Meadhan Ghlaschu

Tha Stèisean Rèile Meadhan Ghlaschu dùinte an-diugh 's tha dùil gum bi a-màireach cuideachd às dèidh teine mhòir anns an togalach an ath dhoras. Thuirt labhraiche do Network Rail gu bheil e coltach gum bi e dùinte a-màireach 's nach bi seirbheisean rèile ann. Tha luchd-smàlaidh fhathast an làthair aig an làraich agus chaidh iarraidh air daoine gun a dhol faisg air an sgìre.

Iran

Tha an Seansalair, Rachel Reeves, gu bhith an sàs ann an coinneimh èiginnich den G7 feasgar gus bruidhinn air prìs na h-ola t-sàilleibh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach. Bha a' phrìs air cha mhòr $120 am baraill a ruighinn na bu tràithe an-diugh - siud an t-suim as motha o chaidh an Ruis an sàs san Ucràin bho chionn ceithir bliadhna.

Tha am BBC air bhideo a dhearbhadh a tha a' sealltainn urchair Tomahawk Aimeireaganaich a' tighinn a-nuas air làrach-airm ri taobh sgoile ann am baile Minab ann an ceann a deas Iran aig toiseach a' chogaidh. Thuirt na h-ùghdarrasan Irainianach gun deach 168 duine a mharbhadh anns an ionnsaigh sin, clann nam measg. Chan eil duine sam bith air uallach a ghabhail airson na thachair, ach tha an Ceann-Suidhe Trump air a ràdh roimhe gun robh e an dùil gur e Iran a bu choireach.

Tha Ceann-Suidhe na Ruis air làn-thaic a chur ri Iran, agus e a' cur meal-a-naidheachd air àrd-cheannard ùr na dùthcha. Tha Mojtaba Khamenei a' dol an àite athar a chaidh a mharbhadh annn an ionnsaigh Israelach-Aimeireaganach aig toiseach a' chogaidh.

Tubaist

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist mhairbhtich air an A96. Thachair an tubaist eadar Peugeot 208 glas, agus Volkswagen Passat gorm aig mu 6:00f an-dè faisg air Hunndaidh. Chaidh innse gun do dh'eug boireannach, aois 53, aig an làraich. Chaidh triùir eile a thoirt do dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain ach cha robh iad air an droch ghoirteachadh.

Ibrox

Tha na poilis air càineadh a dhèanamh air a' bhuaireadh a bh' ann aig Pàirce Ibrox feasgar an-dè. Bha luchd-leantainn Rangers agus Celtic air a dhol am measg a chèile air a' phàirce às dèidh a' gheama eatorra sa chairteal-chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba anns an do bhuannaich Celtic air breaban peannais. Dhearbh na poilis gun deach grunnan a chur an grèim 's tha Comann Ball-Coise na h-Alba cuideachd a' rannsachadh na thachair.

  • Earrann
  • Air fhoillseachadh
Trending Now