Naidheachdan 11:00m
Jesse Jackson
Tha luaidh ga dhèanamh air an Urramach Jesse Jackson a rinn strì mhòr airson còraichean sìobhalta sna Stà itean Aonaichte 's a chaochail na bu trà ithe an-diugh. Bha e 84. Rugadh Jesse Jackson ann am bochdainn ann an Carolina a Deas agus chuir e seachad a' mhòr-chuid de a bheatha ag iomairt airson còraichean eaconomach agus poileataigeach do dh'Afraganaich-Aimeireaganach.
Cion cosnaidh
Dh'èirich cion cosnaidh beagan a-rithist dhan ìre as motha bho à m a' phandemic. Tha Oifis nan Staitistig Nà iseanta ag rà dh gun robh 5.2% de shluagh na Rìoghachd Aonaichte gun obair eadar an Dà mhair agus an Dùbhlachd an-uiridh. Bha à rdachadh beag an Alba cuideachd gu 3.8%, agus thuit à rdachadh pà ighidh air a' bhliadhna dhan ìre as lugha ann am faisg air ceithear bliadhna.
Còmhraidhean sìthe
Thòisich an dà rna cuairt de chòmraidhean eadar na Stà itean Aonaichte agus Ioran ann an Geneva. Thuirt Ioran gun gabh iad ri aonta mun phrògram niùclasach aca cho fad 's gun tog na Stà itean Aonaichte na smachd-bhannan orra.
Sgrùdadh Epstein
Thuirt seann Rùnaire nan Stà itean Aonaichte, Hillary Clinton, gum bu chòir dhan a h-uile duine air an tèid iarraidh, Anndra Mountbatten-Windsor nam measg, fianais a thoirt do rannsachadh mu na ceanglaichean ris an eucoireach feise, Jeffrey Epstein. Tha an t-seann phrionnsa a' sior dhol às à icheadh gun do rinn e dad ceà rr.
Cìs-chomhairle
'S e à rdachadh 9.5% sa chis-chomhairle a bhios mu choinneamh nam ball aig Comhairle nan Eilean Siar nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain. Tha oifigich ag rà dh gun toireadh sin £1.5m a bharrachd dhaibh agus ged a tha beà rn cha mhòr £4.5m sa bhuidseat chan eil na h-oifigich a' moladh ghearraidhean cho domhain am-bliadhna 's a bh' ann an-uiridh.
Stailcean oilthighean
Thuirt Oilthigh Obar Dheathain gum faodadh iad cosnaidhean a ghearradh an aghaidh toil an luchd-obrach an dèidh do bhuill Aonadh nan Oilthighean agus Colaisdean bhòtadh airson stailce. Agus bhòt òraidichean aig Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann airson stailce mu phlana airson cur às do 40 cosnadh air a' char as lugha.