Cupa Valerie Fhriseil air ais am BĂ ideanach
'S dòcha gu bheil am pà rtaidh a' dol fhathast ann am Bà ideanach às dèidh dhan sgioba Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain - is an dà rna sgioba cuideachd a' soirbheachadh.
'S e 2-0 a bh' ann do Bhà ideanach an aghaidh Loch Abair aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa Valerie Fhriseil.
Chaidh BĂ ideanach air thoiseach trĂ th le tadhal bho Megan Ralph.
Rinn iad an dearbh rud trĂ th san dĂ rna leth is Hope Borthwick leis an dĂ rna tadhal.
Ged a bha gu leòr den bhall is cothroman gu lèor aig na h-Abraich tron fheasgar, cha b'urrainn dhaibh dòigh fhaighinn air ais dhan gheama.
'S e dìoghaltas a bha seo do Bhà ideanach is Loch Abar air a' chùis a dhèanamh orrasan 1-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh.
Tha geama mòr ri thighinn fhathast eadar an dà sgioba is play-off gu bhith ann 'son tiotal na lìge Didòmhnaich an 5mh den Dà mhair.
Nas trĂ ithe air an lĂ Disathairne bha an dĂ rna sgioba aig BĂ ideanach air an Cupa DhĂąbhlan a thogail.
Rinn iadsan an gnothach 7-5 air Inbhir Nis.