Naidheachdan 11:00m
Sìona
Tha Sir Keir Starmer ag amas air ceanglaichean malairt a bhrosnachadh air turas trì là gu ruige Sìona. Chaidh còrr 's 60 riochdaire gnothachais agus culturail còmhla ris a' Phrìomhaire. Tha na Tòraidhean a' fà gail air Sir Keir gu bheil e ga ùmhlachadh fhèin ris na Sìonaich.
Ceanglaichean
Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gur e ceanglaichean stèidhichte le cabhsairean 's drochaidean eadar na h-eileanan a b' fheà rr seach tunail gu tìr-mòr. Thèid iarraidh air buill gabhail ris a' mholadh sin an ath-sheachdain mus toir iad freagairt do Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.
Am bruid
Chaidh dust an Israelaich mu dheireadh a bha am bruid ann an Gà sa, Ran Gvili, a thiìodhlaiceadh ann am baile Meitar an-diugh. Bha esan am measg na chaill am beatha ann an ionnsaigh Hamas air an t-seachdamh là den Dà mhair ann an 2023. Tha tilleadh dhachaidh na bha am bruid, beò na marbh iad, aig meadhan aonta na sìthe.
FAI
Bidh rannsachadh tubaist bà smhor ann mu bhàs leanabh à Siorrachd Obair Dheathain ùine mus deach a mhà thair dhan phrìosan airson an druga mhì-laghail, Ecstasy, a thoirt dha. Cha robh Olly-James Sievwright ach trì mìosan de dh'aois nuair a chaochail e san ospadal san Dùbhlachd ann an 2019.
Minneapolis
Tha cuideam air Rùnaire Tèarainteachd Dùthcha nan Stà itean Aonaichte, Kristi Noem, a dreuchd fhà gail an dèidh dhi a rà dh gur e ceannairceach a bh' ann an Alex Pretti, a chaill a bheatha nuair a loisg oifigich in-imreachais air air an deireadh-sheachdain ann am Minneapolis. Tha à rd Dheamocrataich a' maoidheadh chasaidean oirre mura cuir an Ceann-suidhe Trump a-mach às an dreuchd i.
Gearraidhean Earra-Ghà idheal is Bhòid
Tha coltas gum feum tuilleadh ghearraidhean a bhith ann an seirbheisean slà inte 's cùraim shòisealta ann an Earra-Ghà idheal 's Bòd. Thèid innse do bhòrd amalaichte na sgìre an-diugh gun deach iad còrr 's £1m os cionn buidseat na bliadhna seo agus gu bheil toll còrr 's £16m romhpa an ath-bhliadhna.