Naidheachdan 11:00m

Sir Olly Robbins

Thuirt Sir Olly Robbins, an t-àrd-sheirbheiseach catharra a chaill a dhreuchd ri linn sgrùdadh tèarainteachd a' Mhorair Mandelson, nach tug Sràid Downing mòran feairt air an rannsachadh sin. Dh'innis Sir Olly do Chomataidh Thaghte nan Cùisean Cèine an-diugh gun robh Sràid Downing a' sìor chur ìmpidh air na h-oifigich aigeasan agus gun robh cabhag orra Peadar Mandelson ainmeachadh mar thosgaire na Rìoghachd Aonaichte ann an Washington. Chaill Sir Olly a dhreuchd an dèidh tha tighinn am follais nach deach innse dhan Phrìomhaire gun do dh'fhàillig am Morar Mandelson rannsachadh tèarainteachd na buidhne sgrùdaidh, UKSV.

Prìs an dealain

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh plana airson cosgaisean dealain a ghearradh le bhith a' lughdachadh a' cheangail a th' aca ri prìs a' ghas. Tha ministearan airson cuid de chùmhnantan airson cumhachd ath-nuadhachail atharrachadh gus nach bi a' phrìs a tha na companaidhean a' faighinn stèidhichte tuilleadh air an dealan as daoire air a' Ghriod Nàiseanta.

Còmhraidhean sìthe

Tha aithrisean ann gu bheil Leas-Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, JD Vance, ag ullachadh airson a dhol gu ruige Pacastan airson na dàrna cuairt de chòmhraidhean sìthe le Ioran. Ach tha teagamh ann an tèid na còmhraidhean air adhart leis nachd do dhearbh Tehran am bi iad a' cur buidheann ann. Tha fois-fhòirneirt fad cola-deug a' tighinn gu ceann a-màireach.

Cion cosnaidh

Thuit ìre cion cosnaidh na Rìoghachd Aonaichte gu 4.9% sna trì mìosan dhan Ghearran a rèir nam figearan as ùire. Cha robh dùil ri sin agus bha a' mhòr-chuid de na h-eòlaichean den bheachd gum fuiricheadh an ìre gun atharrachadh aig 5.2%.

Stòras Uibhist

Tha dòchas ann cùisean a shocrachadh ro choinneamh èiginneach Stòras Uibhist an ath-sheachdain an deidh fad mhìosan de bhuaireadh. Chaidh ceathrar ainmeachadh air bòrd Sealladh na Beinne Mòire, companaidh pàrant na buidhne, agus cuideachd air bòrd Oighreachd Uibhist a Deas, le triùir cuideachd a' fagail a' bhùird sin. Tha a h-uile dùil gum bi a' choinneamh èiginneach a' dol air adhart an ath-sheachdain.

Teachdaireachd an Rìgh

Dh'fhoillsich an Rìgh teachdaireachd a' cuimhneachadh air a mhàthair nach maireann, an Dàrna Banrigh Ealasaid, agus 100 bliadhna ann an-diugh bho rugadh i. Anns a' bhideo, a chaidh a chlàradh aig Baile Mhorail aig toiseach na mìos, thuirt an Rìgh gum biodh na tha a' tachairt air feadh an t-saoghail an-dràsta na adhbhar dragh dha a mhàthair ach gum biodh i dòchasach cuideachd mun àm ri teachd.

Trending Now