Naidheachdan 11:00m

Am Morair Mandelson

Thuirt am Morair Beamish, Cathraiche na Comataidh Brathaidh agus Tèarainteachd, gu bheil e ag iarraidh làn shoilleireachd bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nuair a bheir iad seachad pàipearan mun dòigh san deach am Morair Mandelson fhastadh mar thosgaire Bhreatainn dha na Stàitean Aonaichte. Tha sin an dèidh dhan Phrìomhaire aideachadh ann an Taigh nan Cumantan an-dè gum b' aithne dhasan gun do lean càirdeas a' Mhorair Mandelson ri Jeffrey Epstein fiù 's an dèidh Epstein a chur dhan phrìosan airson eucoirean feiseil. Thuirt Ceannard Reform UK, Nigel Farage, gur e an sgainneal as miosa ann an còrr is 100 bliadhna ann am poileataigs Bhreatainn.

Còmhraidhean sìthe

Thuirt an Kremlin gu bheil adhartas aig na còmhraidhean sìthe ris an Ucràin ann an Abu Dhabi. Thàinig e am follais an-diugh gun do dh'aontaich iad gun dèan iad suap phrìosanach.

Ìre an rèidh

Tha làn dùil nach atharraich Banca Shasainn ìre an rèidh nuair a thèid am fiosrachadh sin fhoillseachadh aig meadhan-là. Gheàrr iad e bho 4% gu 3.75% anns an Dùbhlachd.

FĂ n Eilean

Bidh bhòt aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh mu phlana chonnspaideach airson fo-stèisean dealain mòr aig Fàn Eilean faisg air a' Mhanachainn. Tha SSEN ag ràdh gu bheil am plana cudromach do thèarainteachd cumhachd ach tha còrr 's 2,000 tagradh ann na aghaidh. Chaidh moladh don chomataidh dealbhachaidh cead a thoirt dhan phròiseact.

Isla Sneddon

Tha pàrantan deugaire à Ceann a Tuath Shiorrachd Lannraig ag ràdh gum biodh i fhathast beò nam biodh i air an aon chùram slàinte fhaighinn ri inbheach. Chaochail Isla Sneddon, a bha 17, cha mhòr trì bliadhna an dèidh cnap fhaighinn na broilleach.

Factaraidh thuath-gaoithe

Chaidh iarraidh air a' Phrìomhaire cabhag a chur ri co-dhùnadh mu thaic-airgid Sìonach do dh'fhactaraidh thuath-gaoithe aig Àird nan Saor faisg air Inbhir Nis. Chruthaicheadh am pròiseact còrr is 1,000 cosnadh agus bha dùil ri dearbhadh nuair a bha Sir Keir Starmer ann an Sìona an t-seachdain seo chaidh. Thuirt ball SNP sgìre Mhoireibh an Iar, Inbhir Narann agus Strath Spè aig Holyrood, Graham Leadbitter, gum feum soilleireachd a bhith ann. Thuirt am Prìomhaire gun toir e fiosrachadh do Thaigh nan Cumantan air a' chiad chothrom.

  • Earrann
  • Air fhoillseachadh
Trending Now