Naidheachdan 11:00m
Na h-Eileanan Chagos
Thuirt Dòmhnall Trump gur e "gòraiche mhòr" a th' ann am plana na Rìoghachd Aonaichte uachdranas nan Eilean Chagos a thoirt do Mhauritius. Thuirt e gur e sin aon adhbhar air an gabh na Stà itean Aonaichte smachd air a' Ghraonnlainn. Buinidh eilean Diego Garcia, anns a bheil ionad mòr aig arm nan Stà itean Aonaichte, dha na h-Eileanan Chagos agus tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag rà dh gun cuir an t-aonta dìon air an ionad sin.
Rannsachadh nan Ospadalan
Tha an seisean mu dheireadh aig Rannsachadh Ospadalan na h-Alba an-diugh beagan là ithean an dèidh do NHS Mòr-sgìre Ghlaschu agus Chluaidh aideachadh gu bheil coltas gun tug truailleadh san uisge aig Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid buaidh air cloinn air an robh aillse. Bha am bòrd-slà inte air a bhith a' dol às à icheadh sin airson ùine mhòir. Bidh ceithir là eile fianais aig an rannsachadh an t-seachdain seo mus tèid aithisg fhoillseachadh nas fhaide air adhart air a' bhliadhna.
Cion-cosnaidh
Bha nas lugha cion-cosnaidh ann an Alba sna trì mìosan dhan t-Samhain, sìos 0.2% gu 3.7%. Dh'fhuirich ìre cion-cosnaidh na Rìoghachd Aonaichte aig an aon ìre aig 5.1%. Bha fàs tuarsatail air feadh Bhreatainn air a' bhliadhna nas lugha aig 4.5%.
UNRWA
Thòisich na h-ùghdarrasan Isrealach a' leagail oifisean buidheann cobhair Phailistinianach an UN ann an Ieruasalem. Tha na h-Israelaich ag rà dh gu bheil Hamas a-niste air feadh UNRWA agus gu bheil e laghail dhaibh an togalach a leagail. Thuirt an UN gu bheil aontaidhean eadar-nà iseanta a' cur dìon air na togalaichean aca.
Na Meadhanan-sòisealta
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun dèan iad co-chomhairle air casg bho na meadhanan-sòisealta air òigridh fo 16 bliadhna de dh'aois. Tha cudrom a' sìor fhàs air Sir Keir Starmer le 60 de na buill-phà rlamaid Là barach aige fhèin am measg na tha ag iarraidh casg den t-seòrsa a th' ann an Astrà ilia.