Toiseach-tòiseachaidh làidir dha Raghnall Ros aig stiùir Chinn a' Ghiùthsaich

Thòisich linn ùr Raghnaill Rois ann an Ceann a' Ghiùthsaich mar a bhiodh e ag iarraidh is an sgioba a' dèanamh a' ghnothaich 3-0 air na Sgitheanaich aig an Dell.

Bha fìor dheagh là aig na nàbaidhean aca cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air soirbheachadh 4-2 an aghaidh Camanachd an Òbain aig Mossfield.

Thòisich an Gearasdan gu làidir is iad a' soirbheachadh 4-0 an aghaidh Chabar Fèidh.

'S e 4-0 a bh' ann cuideachd dha Loch Abar an aghaidh Chaol Bhòid is sgioba Drochaid an Aonachain a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog le brag.

'S e là eachdraidheil a bh' ann do Chaol-Gleann is a' chiad gheama aca sa Phrìomh Lìog, ach bha e cuideachd na shealladh air an deuchainn a tha romhpa is iad a' call 3-0 aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.

Ann an Lìog Tuath 2 bhuannaich na Leòdhasaich a' chiad gheama aca fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers is iad a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh na Manachainn.

Ann an iomain nam ban thug na Sgitheanaich geama gu math dùbhlanach dha Loch Abar ach 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr 1-0.

Bha Bàideanach cofhurtail is iad air buannachadh 5-1 air falbh an aghaidh Inbhir Nis.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn GMA a' chùis 2-0 air Gleann Urchadain.

Trending Now