Naidheachdan 10:00m
An Ear-Mheadhanach
Dhaingnich feachdan armaichte nan Stà itean Aonaichte gun deach ceathrar chriutha a mharbhadh nuair a thà inig itealan Stratotanker a-nuas ann an ceann a tuath Iorac. Thuirt iad gun tà inig dithis beò às an tubaist a thachair feasgar an-dè, agus gu bheil iomairt a' leantainn gus cobhair a dhèanamh orra. Tha rannsachadh ga dhèanamh air dè dìreach a thachair ach tha Washington air a dhol às à icheadh gun deach urchair a losgadh air a' phlèana.
Chaidh innse dhan BhBC gun robh plèanaichean Feachd an Adhair air ite a-raoir mar phà irt den iomairt gus dùthchannan a' Ghulf a dhìon bho ionnsaighean Irà inianach. Bha dhà den cheithir plèanaichean Typhoon a chuireadh gu Qatar an sàs ann a bhith a' cur stad air itealain dròna a bha ag amas air targaidean ann am Bahrain.
Agus tha na h-ionnsaighean adhair air Iran air leantainn an-diugh le spreadhaidhean mòra ann an Tehran. Spreadhadh aon bhoma faisg air far an robh na mìltean a' caismeachd air là Al Quds a tha a' comharrachadh an Dihaoine mu dheireadh de Ramadan. Na bu trà ithe bha Israel air rabhadh a thoirt do dhaoine teicheadh bho dhà phà irt den phrìomh bhaile.
Prìs na h-Ola
Le prìs na h-ola fhathast timcheall air $100 am baraille thèid rabhadh a thoirt do chompanaidhean a tha a' creic peatroil agus diesel gun sin a chleachdadh mar leisgeul airson a bhith a' gabhail brath air drà ibhearan. Coinnichidh an Seansalair, Rachel Reeves, agus Rùnaire na Cumhachd, Ed Milliband, ri reiceadairean feasgar, a dheasbad mar a tha cosgaisean ag èirigh mar thoradh air a' chogadh anns a' Ghulf.
An Eaconomaidh
Cha tà inig fàs sam bith air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte aig toiseach na bliadhna. Sheall figearan bho Oifis nan Staitistig Nà iseanta gun do dh'fhan an eaconomaidh stòlta aig 0% anns an Fhaoilleach. Bha sin às dèidh fàs de 0.1% ann an GDP Bhreatainn air a' mhìos ron sin.
County Lines
Chaidh 43 duine a chur an grèim mar phà irt de dh'iomairt Phoileas Alba an aghaidh bhuidhnean county lines a tha stèidhichte ann an Sasainn. Chaidh a' mhòr-chuid a ghlacadh ann an sgìre Inbhir Nis le heroin, cocain agus ketamine am measg dhrugaichean luach £900,000 a chaidh a chur an grèim.
Stèisean Meadhan Ghlaschu
Tha obair air tòiseachadh ann an Glaschu airson na th' air fhà gail de thogalach a chaidh a sgrios ann an teine air an deireadh-sheachdain a leagail gu là r. Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil an togalach eachdraidheil a tha a' seasamh far a bheil Srà id an Aonaidh a' coinneachadh ri Srà id Ghòrdain, an an staid chugallach agus gum feum iad a leagail mus tuit e.