Naidheachdan 11:00m
Taraifean Malairt
Tha Sir Keir Starmer air leigeil fhaicinn nach cuireadh e taraifean malairt air na Stà itean Aonaichte nan rachadh an Ceann-Suidhe Trump air aghaidh le mhaoidheadh gus an leithid a chur air dùthchannan a tha a' cur an aghaidh a phlana gus smachd a ghabhail air a' Ghraonlainn. A' toirt seachad òraid aig Srà id Dhowning san uair an uaireadair mu dheireadh, thuirt am Prìomhaire gur ann an urra ris an Danmhairg agus muinntir na Graonlainn fhèin a tha an tìr. Thuirt e cuideachd gu bheil e gu tur ceà rr a bhith a' maoidheadh taraifean agus nach biodh cogadh malairt gu buannachd do dhuine sam bith.
Trump agus a' Ghraonlainn
Aig a' cheart à m, thuirt an Ceann-Suidhe Trump nach biodh teà rainteachd san t-saoghal mura biodh smachd aig na Stà itean Aonaichte air a' Ghraonlainn. Thuirt Mgr Trump cuideachd san teachaireachd gu Prìomhaire na Nirribhidh gun robh e a' faireachdainn nach eil dleastanas air tuilleadh a bhith a' smaoineachadh air sìth a-mhà in as dèidh mar a chaidh an duais Nobel a thaobh sìthe a thoirt do chuideigin eile an-uiridh.
Tubaist Rèile san Spà inn
Tha Prìomhaire na Spà inne, Pedro Sanchez, a' dèanamh air an là raich anns an robh tubaist rèile mhairbhteach tron oidhche an-raoir. Chaidh co-dhiù 39 duine a mharbhadh agus 152 duine a ghoirteachadh nuair a bhuail dà threana na chèile faisg air baile Adamuz ann an ceann a deas na dùthcha. Tha dùil ge-tà gun èirich à ireamh nam marbh.
Luchd-teagaisg Ùr
Tha an t-aonadh teagaisg as motha an Alba, an EIS, ag rà dh gur e sgainneal nà iseanta a th' ann cho mì-sheasmhach agus a tha an suidheachadh dhaibhsan a th' air ùr-cheumnachadh. Tha na h-à ireamhan as ùire a' cumail a-mach gu bheil mu chairteal dhiubh a' dol bhon bhliadhna phròbhaidh aca gu dreuchd mhaireannach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil fastadh an urra ri ùghdarrasan ionadail, 's thuirt COSLA a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan gu bheil iad a' tabhainn dreuchd mhaireannach nuair a tha beà rn a' nochdadh.
Luach a' Mhòid
Tha aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh madainn an-diugh às leth a' Chomuinn Ghà idhealaich ag rà dh gun do chuir am Mòd Nà iseanta Rìoghail £3.9m ri eaconomaidh Loch Abair an-uiridh. Tha iad ag rà dh gur e seo am Mòd a bu shoirbheachaile airson sia bliadhna. Thà inig à rdachadh 4% air an à ireamh dhaoine a chaidh chun a' Mhòid an taca ris a' bhòn-uiridh agus e air a dhol os cionn 9,400.
STV
Tha Aonadh Nà iseanta an Luchd-Naidheachd air ceist a thogail mu na thuirt Riaghaladair a' Chonaltraidh mu atharrachaidhean do sheirbhisean naidheachd STV. Tha co-chonaltradh a' dol an-drà sta mu phlanaichean na companaidh gus cur às don phrògram naidheachd aca do mhuinntir a' chinn a tuath a-mhà in, am measg rudan eile. Bha Ofcom a' toirt fianais seachad aig Holyrood air an t-seachdain seo chaidh, 's thuirt iad gur e an rud as fheà rr don luchd-amhairc a th' anns na molaidhean. Tha Ofcom air a rà dh ge-tà , nach eil iad air co-dhùnadhaidhean deireannach a ruighinn fhathast.