Naidheachdan 11:00m
Iran
Tha an Ceann-Suidhe Trump air rabhadh a thoirt seachad do dh'Iran gun a bhith a' toirt an tuilleadh ionnsaighean air là rach ghas Qatar, air a bheil Ras Lafan. Tha Tehran air a bhith ag amas air an là raich mar fhreagairt air an ionnsaigh Israelich air raon-gas Pars a Deas, tè de na là raichean as motha acasan anns a' Ghulf. Thuirt Mgr Trump gun rachadh a spreadhadh uile nan toireadh Iran ionnsaigh eile air raon Qatar.
Prìsean Cumhachd
Tha prìsean cumhachd air èirigh uair eile t-sà illeibh nan ionnsaighean a tha sin air a' Ghulf tron oidhche a-raoir. Tha à rdachadh an còigeamh cuid air tighinn air prìsean gas 's tha prìs na h-ola aig mu $108 am baraille.
Riadh
Tha eòlaichean eaconomach an dùil gum bi leisg air Banca Shasainn lùghdachadh a thoirt air ìre an rèidh t-sà illeibh cho caochlaideach agus a tha prìsean cumhachd an-drà sta. Tha dùil ris a' cho-dhùnadh as ùire aca aig 12:00f ach tha barrail ann gun tèid a cumail aig 3.75%.
Cion-cosnaidh
Thà inig à rdachadh beagan air ìre a' chion-chosnaidh an seo an Alba sa chairteal mu dheireadh. 'S e 3.9% a bh' ann anns na trì mìosan chun an Fhaoillich. Àrdachadh 0.1% a tha sin an taca ris na trì mìosan roimhe sin, ach nas lugha na ìre na Rìoghachd Aonaichte a bh' aig 5.2%.
Kent
Tha an à ireamh chùisean de Mheningitis B an co-cheangal ri sgapadh ann an Kent a-niste aig 27. Chaidh iarraidh air dotairean an Sasainn sùil a chumail a-mach airson chomharran a' ghalair às dèidh mar a dh'eug dithis leis. Tha Comann Tèarainteachd Slà inte na Rìoghachd Aonaichte ag rà dh ge-tà , gu bheil glè bheag de chunnart ann don mhòr-shluagh anns an fharsainneachd.
StĂ ilinn
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air planaichean fhoillseachadh gus dìon a chur air gnìomhachas stà ilinn na dùthcha. Tha iad gu bhith ag amas gun tèid na dà rna cuid den stà ilinn a th' air a chleachdadh anns an dùthaich a dhèanamh an seo, an taca ri 30% mar a tha an targaid an-drà sta.
Stòras Uibhist
Thèid coinneamh èiginneach de Shealladh na Beinne Mòire a chumail air an ath-mhìos. Bha stiùirichean na companaidh a th' os cionn Stòras Uibhist air aontachadh aig coinneimh le Comhairle nan Eilean Siar gun leigeadh iad uile bhuapa an dreuchdan agus gun rachadh bòrd eadar-amail a chur nan à ite. 'S e oidhirp a tha seo feuch rèite fhaighinn 's buaireadh air a bhith a' cuairteachadh na buidhne airson ùine a-niste.