Naidheachdan 11:00m

Palestine Action

Thàinig riaghladh bhon Àrd-Chùirt an-diugh gun robh e mì-laghail do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Palestine Action ainmeachadh mar bhuidhinnn cheannairc, ach gun seas an casg sin an-dràsta san lagh gus an dèan Oifis na Dùthcha ath-thagradh. Thuirt na britheamhan gu bheil Palestine Action ri eucoir nach eil a' dol cho fada ri ceannairc. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, gum bi an riaghaltas a' dèanamh ath-thagradh.

Co-labhairt Munich

Dh'innis Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, do cheannardan Eòrpach gum feum iad beachdachadh às ùr air an àite ann am poileataigs an t-saoghail. Tha dùil gun can Mgr Rubio ri Comhairle na Tèarainteachd ann am Munich an-diugh nach trèig na Stàitean Aonaichte NATO ach gum feum na dùthchannan Eòrpach ionnsachadh dìon a chur orra fhèin.

Goldman Sachs

Tha àrd-neach-lagha aig a' bhanca-tasgaidh, Goldman Sachs, a' fàgail a dreuchd an dèidh ceanglaichean dlùth tighinn am follais eadar i agus an t-eucoireach feise, Jeffrey Epstein. Tha puist-dealain, a dh'fhoillsich Roinn a' Cheartais anns na Stàitean Aonaichte, ag ràdh gun do mhair càirdeas pearsanta Kathryn Ruemmler ri Epstein an dèidh a dhìteadh ann an 2008. Thuirt ise gun robh i air dèiligeadh ris ron sin na dreuchd mar neach-tagraidh ach nach b' aithne dhi aig an àm sin gun robh e fo rannschadh eucoir.

An Ceann-suidhe Trump

Tha Barack Obama am measg na rinn càineadh air a' Cheann-suidhe Trump, a chuir às do riaghladh laghail a bha a' cur smachd air truailleadh càrboin anns na Stàitean Aonaichte. Thuirt Mgr Obama gun toir sin droch bhuaidh air slàinte agus air strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Thuirt Mgr Trump gu bheil esan a' cur às do phoileasaidh a bha a' mùchadh na h-eaconamaidh. Thuirt buidhnean carthannais anns na Stàitean Aonaichte gun dèan iad ath-thagradh anns na cùirtean.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Thèid iarraidh air Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid gabhail ri àrdachadh 6% sa chìs-chomhairle. Agus tha coltas gu bheil luach £3m de ghearrraidhean romhpa airson na leabhraichean a chothromachadh. Bidh an t-ùghdarras ionadail a' bhòtadh air a' bhuidseat air an 25mh là den mhìos seo.

Orbex

Leig 20 companaidh fhaicinn gu bheil iad deònach sealbh a ghabhail air stòras na companaidh Orbex a chaidh gu rianachd, a' cur còrr 's 150 cosnadh ann an cunnart. Tha Orbex, a tha ri obair fànais, stèidhichte ann am Farrais ach tha làrach aca ann an Ceann Lois agus làrach air màl ann an Cataibh airson port-fànais.

Trending Now