Naidheachdan 10:00m
Ola
Thèid planaichean gus taic a thoirt do dhaoine a tha a' fulang ri linn prìsean à rda na h-ola airson na dachaighean aca a theasachadh a mhìneachadh an ceartuair le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Innsidh am Prìomhaire Sir Keir Starmer an ceann uair a thìde no mar sin dè nì an riaghaltas agus aithrisean ann gu bheil dùil aca £50m a chosg.
Iran
Thuirt an Ceann-suidhe Dòmhnall Trump gu bheil e air cuideachadh iarraidh air seachd dùthchannan airson Caolas Hormuz fhosgladh às ùr gus am faigh ola troimhe a-rithist. Tha e air rabhadh a thoirt gu bheil à m "uabhasach duilich" air thoiseach air NATO ma dh'fhailicheas e air buill cuideachadh a thoirt dha na Stà itean Aonaichte.
Dotairean
Tha fo-dhotairean ospadail ann an Alba air rabhadh a thoirt mu bhith a' fastadh dhotairean anns an dùthaich. Tha am BBC air à ireamhan fhaicinn a tha a' sealltainn à rdachadh ann an oileanaich mheidigeach agus dotairean ùra a tha a' tighinn troimhe anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ach chan eil an à ireamh de dh' à itichean airson trèanadh sònraichte air a dhol suas dha rèir. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil a' mhòr-chuid de dhotairean a' faighinn dreuchd trèanaidh mu dheireadh thall.
BĂ s
Chaochail fireannach anns an ospadal an dèidh tubaist anns an robh aona charbad an sà s. Seo ann an Inbhir Nis an t-seachdain sa chaidh. Thachair an tubaist ann am pà irc chà raichean aig Longman Drive anns a' bhaile Diluain. Chaidh fireannach aois 88 a thoirt gu Ospadal an Rà thaig Mhòir ach chaochail e an sin Diardaoin. Tha rannsachadh a' dol feuch dè dìreach a thachair agus tha na poilis ag iarraidh cluinntinn o dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.
Teine Ghlaschu
Tha seachdain eile de dhuilgheadasan siubhail air thoiseach air Glaschu agus Stèisean Meadhan a' Bhaile fhathast dùinte air sgà th droch theine. Tha trèanaichean a' ruith bho na loidhnichean ìochdarach ach bidh am prìomh stèisean dùinte gu Diciadain aig a' char as trà ithe.