Naidheachdan 11:00m
Am Morair Mandelson
Thuirt Srà id Downing gum bi iad a' foillseachadh cuid de na pà ipearan co-cheangailte ris a' cho-dhùnadh ann an 2024 am Morair Mandelson fhastadh mar thosgaire Bhreatainn sna Stà itean Aonaichte. Tha poilis a' rannsachadh chasaidean gun do rinn esan mì-ghiùlan ann an dreuchd phoblach nuair a thug e fiosrachadh glèidhte riaghaltais dhan eucoireach fheiseil, Jeffrey Epstein. Cumaidh na Tòraidhean deasbad sna Cumantan an-diugh airson cuideam a chur air an Riaghaltas a h-uile fiosrachadh mun chùis fhoillseachadh.
Anndra Mountbatten-Windsor
Tha Anndra Mountbatten-Windsor air gluasad a mach à a dhachaigh aig Windsor gu Oighreachd Sandringham ann an Norfolk. Tha cuideam a' sìor fhàs air brà thair an Rìgh fianais a thoirt seachad sna Stà itean Aonaichte mu a chà irdeas ri Jeffrey Epstein. Tha Mgr Mountbatten-Windsor air a bhith a' dol às à icheadh bho thoiseach gun do rinn e dad ceà rr.
Cogadh san Ucrà in
Bidh na Stà itean Aonaichte os cionn chòmhraidean sìthe eadar an Ruis 's an Ucrà in ris a bheil dùil ann an Abu Dhabi an-diugh. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ucrà in, Volodomyr Zelensky, an-dè gu bheil ionnsaighean Ruiseanach air lìonra dealain na h-Ucrà in a' dearbhadh gu bheil Mosgo a' taobhadh ri ceannairc seach dioplòmasaidh.
Haemochromatosis
Tha Ball-Pà rlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, ag rà dh gun caomhnadh sgrìonadh coimhearsnachd son Haemochromatosis airgead do sheirbheisean slà inte. Sheall rannsachadh ùr tuilleadh dearbhaidh gu bheil an tinneas a tha a' fà gail cus iarainn san fhuil nas bitheanta sna h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach, Glaschu agus ceann a tuath na h-Èireann. Tha Mgr Crichton, air a bheil Haemochromatosis e fhèin, ag rà dh gun glacadh sgrìonadh an tinneas nas trà ithe a' seachnadh droch thrioblaidean slà inte san ùine fhada.
John Virgo
Chaochail an cluicheadair agus craoladair sniucair, John Virgo. Bha e 79. Ghlèidh e Farpais na Rìoghachd Aonaichte ann an 1979 agus bha e aithnichte cuideachd mar phreasantair a' phrògraim telebhisein, Big Break, eadar deireadh na linne seo chaidh agus toiseach na linne seo.