Naidheachdan 11:00m

Sir Keir Starmer

Tha Sir Keir Starmer a' coinneachadh ri a chaibineat sa mhadainn an-diugh an dèidh là an-dè cho doirbh 's bha aige fhathast mar phrìomhaire. Thuirt ceannard nan Làbarach ann an Alba, Anas Sarwar, an-dè gum feum am Prìomhaire an dreuchd fhàgail oir tha e a' milleadh cothrom nan Làbarach aig taghaidhean Holyrood sa Chèitean. Chuir ministearan a' chaibineit taic ri Sir Keir san dreuchd an-raoir.

Lùchairt Bhuckingham

Thuirt Lùchairt Bhuckingham gu bheil iad deònach cuideachadh sam bith a thoirt do phoilis ma thèid faighneachd dhiubh mu dhol-a-mach Anndra Mountbatten-Windsor. Tha poilis a' rannsachadh aithrisean gun tug bràthair an Rìgh fiosrachadh dìomhair do Jeffrey Epstein. Thuirt aithris bhon lùchairt gu bheil na casaidean sin a' dèanamh dragh mòr dhan Rìgh.

Taic do phròiseactan ath-nuadhachail

Dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte suas ri £1bn airson phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail sa choimhearsnachd mar chrainn-ghaoithe agus panalan grèine. Thuirt an Riaghaltas gun do thabhainn iad taic mar thà air còrr is 70 pròiseact ann an Alba. Ach tha feadhainn sa ghnìomhachas a' gearan gu bheil an t-suim airgid fada goirid air na gheall iad sa mhanifesto aca.

Prothaidean BP

Bha lùghdachadh ann am prothaidean bliadhnail BP an dèidh do phrìs na h-ola tuiteam an-uiridh. Dh'innis BP gun do rinn iad prothaid £5.5bn ann an 2025, mu £1bn nas lugha na a' bhliadhna ron sin an dèidh do phrìs na h-ola tuiteam mu 20% an-uiridh.

Geòidh-ghlasa

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid sìol-cura a tha dùthchasach do mhachraichean Uibhist à bith mura bi smachd air geòidh agus dh'iarr Buidheann Thar-phartaidh na Croitearachd aig Holyrood tuilleadh airgid do sgeamaichean spadaidh. Thuirt Ministear am Àiteachais, Jim Fairlie, gu bheil an Riaghaltas a' cur £1m sa bhliadhna mar thà ri taic do chroitearan agus smachd air geòidh ach gum beachdaich e air an gabh tuilleadh dèanamh.

Trending Now